Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Nis o Chnoc a' Chaisteil
EXTERNAL ID
PC_PWG_PHOTO_003
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1870s
NEACH-FIOSRACHAIDH
PFW Grant
AITHNEACHADH MAOINE
29658
KEYWORDS
cairtean-puist
drochaidean
Inverness from Castle Hill

Tha an dealbh seo de Inbhir Nis, air fhaicinn o Chnoc a' Chaisteil, a' sealltainn seann drochaid-chrochte Nis sna 1870an. Air a fosgladh ann an 1855, bha aitheamh de 225troigh aig an drochaid. Aig ceann an ear na drochaid, san taobh a deas dhen dealbh, chaidh àirdse baidealach a thogail, a' toirt seachad inntrigeadh dealbhach don bhaile. Aig a' cheann an iar chaidh dà thùr gu math na b' ìsle a thogail.

Mar thoradh air cho cumhang 's a bha an doras san àirdse dhan ear agus cho mòr 's a bha an trafaig a' fàs, chaidh planaichean a dhèanamh gus structair ùr a chur na h-àite. Aig an aon àm, chaidh casg air luaths na b' àirde na 10 mìle san uair a chur air agus chìteadh duine le bratach dhearg a' cumail smachd air an trafaig, a' dèanamh cinnteach nach robh cus luchd air an drochaid aig an aon àm. Thug toiseach an Dàrna Cogaidh orra fear na brataich dheirg a thoirt air falbh. Chaidh cunnradh airson drochaid ùr a thairgsinn ann an 1939 ged nach do thòisich an obair gu 20 bliadhna às dèidh sin. Mu dheireadh ann an 1959 chaidh drochaid ùr a chur an àite drochaid 1855. Chaidh an drochaid ùr le Sir Murchadh MacDhòmhnaill 's a Chompàirtichean a dhèanamh à clach chruadhtain agus tha i ann chun an latha an-diugh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Nis o Chnoc a' Chaisteil

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1870s

cairtean-puist; drochaidean

PFW Grant

Tha an dealbh seo de Inbhir Nis, air fhaicinn o Chnoc a' Chaisteil, a' sealltainn seann drochaid-chrochte Nis sna 1870an. Air a fosgladh ann an 1855, bha aitheamh de 225troigh aig an drochaid. Aig ceann an ear na drochaid, san taobh a deas dhen dealbh, chaidh àirdse baidealach a thogail, a' toirt seachad inntrigeadh dealbhach don bhaile. Aig a' cheann an iar chaidh dà thùr gu math na b' ìsle a thogail.<br /> <br /> Mar thoradh air cho cumhang 's a bha an doras san àirdse dhan ear agus cho mòr 's a bha an trafaig a' fàs, chaidh planaichean a dhèanamh gus structair ùr a chur na h-àite. Aig an aon àm, chaidh casg air luaths na b' àirde na 10 mìle san uair a chur air agus chìteadh duine le bratach dhearg a' cumail smachd air an trafaig, a' dèanamh cinnteach nach robh cus luchd air an drochaid aig an aon àm. Thug toiseach an Dàrna Cogaidh orra fear na brataich dheirg a thoirt air falbh. Chaidh cunnradh airson drochaid ùr a thairgsinn ann an 1939 ged nach do thòisich an obair gu 20 bliadhna às dèidh sin. Mu dheireadh ann an 1959 chaidh drochaid ùr a chur an àite drochaid 1855. Chaidh an drochaid ùr le Sir Murchadh MacDhòmhnaill 's a Chompàirtichean a dhèanamh à clach chruadhtain agus tha i ann chun an latha an-diugh