Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal nan Granndach, faisg air Baile nan Granndach, Srath Spè
EXTERNAL ID
PC_PWG_PHOTO_004
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
LINN
1870s
NEACH-FIOSRACHAIDH
PFW Grant
AITHNEACHADH MAOINE
29659
KEYWORDS
cairtean-puist
caistealan
aramach nan Seumasach
Clann Ghrannd
cinnidhean
Castle Grant, near Grantown-on-Spey, Strathspey

'S ann mu 1870 a chaidh an dealbh-camara seo de Chaisteal nan Granndach a thogail. Tha an caisteal mu mhìle gu tuath air Baile nan Granndach agus bha e na chathair do chinn-feadhna Ghranndaich Shrath-Spè. Chaidh an tùr tùsail a thogail sa 15mh linn le Cuimeanach Bhàideanach.

B' e 'Caisteal Fraochaidh' a bha air roimhe, agus thàinig Caisteal nan Granndach gu bhith na phrìomh àite-còmhnaidh nan Granndach ann an 1693. A dh'aindeoin mar a bha na Granndaich a' cur taic ris an riaghaltas, chaidh an caisteal a chleachdadh na àite-còmhnaidh le na Seumasaich aig àm aramach nan Seumasach ann an 1715 agus ann an 1745.

Chaidh an tùr tùsail air cumadh 'L' a leudachadh le Sir Ludovic (Maoldònaich) Grannd ann an 1765 gus an robh e na chaisteal a tha fhathast na sheasamh an-diugh. Leigeadh leis a' chaisteal a dhol o fheum mu dheireadh ach chaidh ùrachadh a dhèanamh air sna 1990an agus 's e àite-còmhnaidh prìobhaideach a th' ann an-diugh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal nan Granndach, faisg air Baile nan Granndach, Srath Spè

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1870s

cairtean-puist; caistealan; aramach nan Seumasach; Clann Ghrannd; cinnidhean

PFW Grant

'S ann mu 1870 a chaidh an dealbh-camara seo de Chaisteal nan Granndach a thogail. Tha an caisteal mu mhìle gu tuath air Baile nan Granndach agus bha e na chathair do chinn-feadhna Ghranndaich Shrath-Spè. Chaidh an tùr tùsail a thogail sa 15mh linn le Cuimeanach Bhàideanach.<br /> <br /> B' e 'Caisteal Fraochaidh' a bha air roimhe, agus thàinig Caisteal nan Granndach gu bhith na phrìomh àite-còmhnaidh nan Granndach ann an 1693. A dh'aindeoin mar a bha na Granndaich a' cur taic ris an riaghaltas, chaidh an caisteal a chleachdadh na àite-còmhnaidh le na Seumasaich aig àm aramach nan Seumasach ann an 1715 agus ann an 1745.<br /> <br /> Chaidh an tùr tùsail air cumadh 'L' a leudachadh le Sir Ludovic (Maoldònaich) Grannd ann an 1765 gus an robh e na chaisteal a tha fhathast na sheasamh an-diugh. Leigeadh leis a' chaisteal a dhol o fheum mu dheireadh ach chaidh ùrachadh a dhèanamh air sna 1990an agus 's e àite-còmhnaidh prìobhaideach a th' ann an-diugh