Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sula Bheinn agus Loch Culag bhon sgoil aig Loch an Inbhir
EXTERNAL ID
PC_PWG_POSTCARDS_014
ÀITE
Loch an Inbhir
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
PFW Grant
AITHNEACHADH MAOINE
29673
KEYWORDS
cairtean-puist
beanntan
geòlas
gnìomhachas iasgaich
Suilven and Loch Culag from school at Lochinver

An stùc aig Sula Bheinn agus Loch Culag bho os cionn na sgoile, Loch an Inbhir, 1930an-1940an. Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn baile Loch an Inbhir, ann an sgìre Asainte ann an Cataibh. Chithear an stùc cruinn aig Sula Bheinn ris a' chùl.

Tha Loch an Inbhir aig beul abhainn Inbhir, far a bheil i a' sruthadh dhan loch-mhara, Loch Inbhir. 'S e am baile mu dheireadh de mheudachd sam bith ro bhaile Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh, agus còmhla ri Ceann Loch Biorbhaidh, 's e aon de na puirt iasgaich as trainge air taobh an iar Chataibh.

'S e clach-ghainmhich Thoirbheartan a th' ann an dà bhinnean Shula Bheinn, air bunait Gneiss Leòdhasach. Tha an t-ainm a' tighinn bhon Lochlannais airson Beinn Stac. Tha am mullach as àirde, ris an canar Caisteal Liath cuideachd, air an taobh an iar, 2398 (731m) troighean de dh'àirde. Tha am binnean as ìsle is as bioraiche 2372 (723) troighean de dh'àirde

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sula Bheinn agus Loch Culag bhon sgoil aig Loch an Inbhir

CATAIBH: Asaint

1930an; 1940an

cairtean-puist; beanntan; geòlas; gnìomhachas iasgaich

PFW Grant

An stùc aig Sula Bheinn agus Loch Culag bho os cionn na sgoile, Loch an Inbhir, 1930an-1940an. Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn baile Loch an Inbhir, ann an sgìre Asainte ann an Cataibh. Chithear an stùc cruinn aig Sula Bheinn ris a' chùl.<br /> <br /> Tha Loch an Inbhir aig beul abhainn Inbhir, far a bheil i a' sruthadh dhan loch-mhara, Loch Inbhir. 'S e am baile mu dheireadh de mheudachd sam bith ro bhaile Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh, agus còmhla ri Ceann Loch Biorbhaidh, 's e aon de na puirt iasgaich as trainge air taobh an iar Chataibh.<br /> <br /> 'S e clach-ghainmhich Thoirbheartan a th' ann an dà bhinnean Shula Bheinn, air bunait Gneiss Leòdhasach. Tha an t-ainm a' tighinn bhon Lochlannais airson Beinn Stac. Tha am mullach as àirde, ris an canar Caisteal Liath cuideachd, air an taobh an iar, 2398 (731m) troighean de dh'àirde. Tha am binnean as ìsle is as bioraiche 2372 (723) troighean de dh'àirde