Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Srath Chainneart, rathad bho Loch an Inbhir gu Ulapul
EXTERNAL ID
PC_PWG_POSTCARDS_017
ÀITE
Srath Chainneart
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
LINN
1940an; 1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
PFW Grant
AITHNEACHADH MAOINE
29677
KEYWORDS
cairtean-puist
geòlas
turasachd
gnìomhachas iasgaich
Strath Kannaird, the Lochinver to Ullapool Road

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn an rathaid bho Loch an Inbhir gu Ulapul ann an Srath Chainneart. Chaidh a tharraing dor n-aire o chionn ghoirid gur e àite dhen ainm 'Glutton' a tha seo, beagan mhìltean nas fhaisg air Ulapul na 'Strath Kannaird', an titotal a tha air clobhualadh air a' chairt. An dèidh don dealbh seo a bhith air a thogail tha e coltach gun do thuit an gàrradh cloiche agus a mhullach sìos agus dh'fheumadh an Comhairle leud an rathaid a ghearradh a-steach do aodann na creige. 'S e Srath Chinn Àird, mar a thuigeadh tu, srath na h-aibhne, an Abhainn Cheann Àird.

Tha Loch an Inbhir suidhichte air taobh an iar Chataibh mu 30 mìle tuath air Ulapul. 'S e port-iasgaich trang a th' ann, seach gu bheil iasgach an sgadain air a dhol sìos. 'S e an sealladh-tìre iongantach aon de na rudan as inntinniche san sgìre. Tha na beanntan a' còrdadh ri luchd-sreap is gèolais cuideachd.

Chuir Comann Iasgaich Bhreatainn Ulapul air bhonn anns na 1780an. 'S e amas na buidhne malairt a bhios a' togail beartas a chruthachadh ann an sgìrean far an robh daoine a' dèanamh bith-beò fèin-chuibheasach bunaiteach. B' e sgadan am prìomh ghoireas ann an Ulapul agus bha am baile beag soirbheachail fhad 's a bha an t-iasg pailt. Co-dhiù ann na 1797 cha tàinig na sgadain do Loch Bhraoin. Thachair an dearbh rud a-rithist is a-rithist gu ruige nan 1820an nuair a bha a' phròiseact aithnichte mar fhàilleagadh agus chaidh am baile a reic. An-diugh tha Ulapul a' còrdadh ri luchd-turais agus thèid grunn fèisean ciùil a chumail an sin. O chionn 1973 's e ceann uidhe na h-aiseig-chàraichean bho Steòrnabhagh a tha anns a' bhaile bheag

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Srath Chainneart, rathad bho Loch an Inbhir gu Ulapul

ROS: Loch Bhraoin

1940an; 1950an

cairtean-puist; geòlas; turasachd; gnìomhachas iasgaich

PFW Grant

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn an rathaid bho Loch an Inbhir gu Ulapul ann an Srath Chainneart. Chaidh a tharraing dor n-aire o chionn ghoirid gur e àite dhen ainm 'Glutton' a tha seo, beagan mhìltean nas fhaisg air Ulapul na 'Strath Kannaird', an titotal a tha air clobhualadh air a' chairt. An dèidh don dealbh seo a bhith air a thogail tha e coltach gun do thuit an gàrradh cloiche agus a mhullach sìos agus dh'fheumadh an Comhairle leud an rathaid a ghearradh a-steach do aodann na creige. 'S e Srath Chinn Àird, mar a thuigeadh tu, srath na h-aibhne, an Abhainn Cheann Àird.<br /> <br /> Tha Loch an Inbhir suidhichte air taobh an iar Chataibh mu 30 mìle tuath air Ulapul. 'S e port-iasgaich trang a th' ann, seach gu bheil iasgach an sgadain air a dhol sìos. 'S e an sealladh-tìre iongantach aon de na rudan as inntinniche san sgìre. Tha na beanntan a' còrdadh ri luchd-sreap is gèolais cuideachd.<br /> <br /> Chuir Comann Iasgaich Bhreatainn Ulapul air bhonn anns na 1780an. 'S e amas na buidhne malairt a bhios a' togail beartas a chruthachadh ann an sgìrean far an robh daoine a' dèanamh bith-beò fèin-chuibheasach bunaiteach. B' e sgadan am prìomh ghoireas ann an Ulapul agus bha am baile beag soirbheachail fhad 's a bha an t-iasg pailt. Co-dhiù ann na 1797 cha tàinig na sgadain do Loch Bhraoin. Thachair an dearbh rud a-rithist is a-rithist gu ruige nan 1820an nuair a bha a' phròiseact aithnichte mar fhàilleagadh agus chaidh am baile a reic. An-diugh tha Ulapul a' còrdadh ri luchd-turais agus thèid grunn fèisean ciùil a chumail an sin. O chionn 1973 's e ceann uidhe na h-aiseig-chàraichean bho Steòrnabhagh a tha anns a' bhaile bheag