- TIOTAL
- Caisteal Àird Bhreac agus Taigh Chalda, faisg air Innis nan Damh
- EXTERNAL ID
- PC_PWG_POSTCARDS_018
- ÀITE
- Àird Bhreac
- SGÌRE
- Asaint
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Asaint
- LINN
- 1940an; 1950an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- PFW Grant
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29678
- KEYWORDS
- cairtean-puist: caistealan
cinnidhean
Clann 'ic Leòid
Clann 'ic Choinnich

Tha a' cairt phuist seo bho na 1940an a' sealltainn na tha air fhàgail de Chaisteal Àird Bhreac air cladaichean Loch Asainte faisg air Innis nan Damh.
Thathar den bheachd gun deach an caisteal a thogail aig deireadh nan 1500an le Clann 'ic Leòid, a fhuair làmh an uachdair ann an Asainte anns an 13mh linn. Ann an 1650 chaidh Seumas Greumach, An Greumach Mòr (Marcais Mhontròis), a chur an grèim agus a chur dhan a' phrìosan ann an Caisteal Àird Bhreac gus an deach a thoirt a Dhùn Èideann agus a chrochadh. As dèidh sin bha an caisteal aig Clann 'ic Choinnich, aig an robh taigh mòr eile, Taigh Chalda, faisg air làimh. Chaidh Taigh Chalda agus Caisteal Àird Bhreac a sgrios ann an teine anns an 18mh linn