Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Na Glasan aig Cille Chuimein
EXTERNAL ID
PC_PWG_POSTCARDS_024
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
DEIT
1904
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
PFW Grant
AITHNEACHADH MAOINE
29684
KEYWORDS
cairtean-puist
canàlaichean
The Locks at Fort Augustus

Tha a' chairt-phuist seo bho mu 1904 a' sealltainn nan glasan anns a' Chanàl Chailleannach aig Cille Chuimein, siorrachd Inbhir Nis. Tha sreath de chòig ghlasan a' ruith tro Chille Chuimein far am bi an Canàl Cailleannach a' dol sìos do Loch Nis.

Tha an Canàl Cailleannach a' ceangal a' Chorpaich, faisg air a' Ghearasdan, ri Clach na h-Aire, Inbhir Nis. Tha e mu thrì fichead mìle de dh'fhaid. Chaidh a thogail farsaing gu leòr ann an àiteachan airson luing-cogaidh a' Chabhlaich Rìoghail a bhith ga chleachdadh aig àm cogaidhean Napoleon. Leis a' chanàl, b' urrainn do na bàtaichean an Caol Arcaibh stoirmeil agus a' Chabhlach Fhrangach a sheachnadh. 'S e lochan a tha sa chuid as motha dhen chanàl - Loch Dabhach Phùr, Loch Nis, Loch Oich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 glasan air a' chanàl, fear dhiubh, Neptune's Staircase, sreath de 8 ghlasan aig Banbhaidh. Rinn Seumas Watt dealbhan airson a' chanàl ann an 1773, ach cha do thòisich obair air gu 1803, nuair a bha Jessop is Telford nan luchd-dealbhaidh. dh'fhosgail pàirt den chanàl ann an 1822 agus chuireadh crìoch air ann an 1843-47

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Na Glasan aig Cille Chuimein

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

1900an

cairtean-puist; canàlaichean

PFW Grant

Tha a' chairt-phuist seo bho mu 1904 a' sealltainn nan glasan anns a' Chanàl Chailleannach aig Cille Chuimein, siorrachd Inbhir Nis. Tha sreath de chòig ghlasan a' ruith tro Chille Chuimein far am bi an Canàl Cailleannach a' dol sìos do Loch Nis.<br /> <br /> Tha an Canàl Cailleannach a' ceangal a' Chorpaich, faisg air a' Ghearasdan, ri Clach na h-Aire, Inbhir Nis. Tha e mu thrì fichead mìle de dh'fhaid. Chaidh a thogail farsaing gu leòr ann an àiteachan airson luing-cogaidh a' Chabhlaich Rìoghail a bhith ga chleachdadh aig àm cogaidhean Napoleon. Leis a' chanàl, b' urrainn do na bàtaichean an Caol Arcaibh stoirmeil agus a' Chabhlach Fhrangach a sheachnadh. 'S e lochan a tha sa chuid as motha dhen chanàl - Loch Dabhach Phùr, Loch Nis, Loch Oich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 glasan air a' chanàl, fear dhiubh, Neptune's Staircase, sreath de 8 ghlasan aig Banbhaidh. Rinn Seumas Watt dealbhan airson a' chanàl ann an 1773, ach cha do thòisich obair air gu 1803, nuair a bha Jessop is Telford nan luchd-dealbhaidh. dh'fhosgail pàirt den chanàl ann an 1822 agus chuireadh crìoch air ann an 1843-47