Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch an Inbhir, le Sula Bheinn air cùlaibh
EXTERNAL ID
PC_PWG_POSTCARDS_037
ÀITE
Loch an Inbhir
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
DEIT
1953
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
PFW Grant
AITHNEACHADH MAOINE
29696
KEYWORDS
cairtean-puist
beanntan
geòlas
gnìomhachas iasgaich
Lochinver, with Suilven behind

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn baile Loch an Inbhir, ann an sgìre Asainte ann an Cataibh. Chithear an stùc cruinn aig Sula Bheinn ris a' chùl.

Tha Loch an Inbhir aig beul abhainn Inbhir, far a bheil i a' sruthadh dhan loch-mhara, Loch Inbhir. 'S e am baile mu dheireadh de mheudachd sam bith ro bhaile Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh, agus còmhla ri Ceann Loch Biorbhaidh, 's e aon de na puirt iasgaich as trainge air taobh an iar Chataibh.

'S e clach-ghainmhich Thoirbheartan a th' ann an dà bhinnean Shula Bheinn, air bunait Gneiss Leòdhasach. Tha an t-ainm a' tighinn bhon Lochlannais airson Beinn Stac. Tha am mullach as àirde, ris an canar Caisteal Liath cuideachd, air an taobh an iar, 2398 (731m) troighean de dh'àirde. Tha am binnean as ìsle is as bioraiche 2372 (723) troighean de dh'àirde

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch an Inbhir, le Sula Bheinn air cùlaibh

CATAIBH: Asaint

1950an

cairtean-puist; beanntan; geòlas; gnìomhachas iasgaich

PFW Grant

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn baile Loch an Inbhir, ann an sgìre Asainte ann an Cataibh. Chithear an stùc cruinn aig Sula Bheinn ris a' chùl.<br /> <br /> Tha Loch an Inbhir aig beul abhainn Inbhir, far a bheil i a' sruthadh dhan loch-mhara, Loch Inbhir. 'S e am baile mu dheireadh de mheudachd sam bith ro bhaile Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh, agus còmhla ri Ceann Loch Biorbhaidh, 's e aon de na puirt iasgaich as trainge air taobh an iar Chataibh.<br /> <br /> 'S e clach-ghainmhich Thoirbheartan a th' ann an dà bhinnean Shula Bheinn, air bunait Gneiss Leòdhasach. Tha an t-ainm a' tighinn bhon Lochlannais airson Beinn Stac. Tha am mullach as àirde, ris an canar Caisteal Liath cuideachd, air an taobh an iar, 2398 (731m) troighean de dh'àirde. Tha am binnean as ìsle is as bioraiche 2372 (723) troighean de dh'àirde