Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Ghrannd, faisg air Baile nan Granndach, Moireibh
EXTERNAL ID
PC_PWG_POSTCARDS_040
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
DEIT
20 Am Màrt 1905
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
PFW Grant
AITHNEACHADH MAOINE
29699
KEYWORDS
cairtean-puist
caistealan
Clann Ghrannd
Castle Grant, near Grantown-on-Spey, Moray

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Caisteal Ghrannd, faisg air Baile nan Granndach, Srath Spè. Bha an caisteal aig cinn-feadhna Ghranndaich Shrath Spè. Chaidh an tùr thùsail a thogail anns a' chòigeamh linn deug le Cuimeanach Bhàideanch.

An toiseach, b' e Caisteal Fraochaidh a bh' air. Bho 1693 b' e prìomh àite-còmhnaidh nan Granndach a bh' ann. Seach gur e luchd-taic an riaghaltais a bh' anns na Granndaich, ghabh na Seumasaich thairis an caisteal aig àm ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus 1745.

Chaidh an tùr tùsail air cumadh L, a leudachadh le Ridire Ludovic Grannd ann an 1765 gus an robh e na chaisteal a tha fhathast na sheasamh an-diugh. Leigeadh leis a' chaisteal a dhol o fheum mu dheireadh, ach chaidh ùrachadh a dhèanamh anns na 1990an agus 's e àite-còmhnaidh prìobhaideach th' ann an-diugh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Ghrannd, faisg air Baile nan Granndach, Moireibh

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1900an

cairtean-puist; caistealan; Clann Ghrannd

PFW Grant

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Caisteal Ghrannd, faisg air Baile nan Granndach, Srath Spè. Bha an caisteal aig cinn-feadhna Ghranndaich Shrath Spè. Chaidh an tùr thùsail a thogail anns a' chòigeamh linn deug le Cuimeanach Bhàideanch.<br /> <br /> An toiseach, b' e Caisteal Fraochaidh a bh' air. Bho 1693 b' e prìomh àite-còmhnaidh nan Granndach a bh' ann. Seach gur e luchd-taic an riaghaltais a bh' anns na Granndaich, ghabh na Seumasaich thairis an caisteal aig àm ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus 1745.<br /> <br /> Chaidh an tùr tùsail air cumadh L, a leudachadh le Ridire Ludovic Grannd ann an 1765 gus an robh e na chaisteal a tha fhathast na sheasamh an-diugh. Leigeadh leis a' chaisteal a dhol o fheum mu dheireadh, ach chaidh ùrachadh a dhèanamh anns na 1990an agus 's e àite-còmhnaidh prìobhaideach th' ann an-diugh