Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile agus Bàgh Sgobharaidh
EXTERNAL ID
PC_PWG_POSTCARDS_046
ÀITE
Sgobhairidh
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
DEIT
1971
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
PFW Grant
AITHNEACHADH MAOINE
29705
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean beaga
turasachd
faireadh nan eun
eun-eòlas
croitearan, bailtean
Scourie Village & Bay

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn baile Sgobharaidh air taobh an iar Chataibh, le Bàgh Sgobharaidh air cùl na deilbh. 'S e baile beag a th' ann an Sgobharaidh, air an rathad bho Chaol Shròim gu Diùirnis, beagan mhìltean an iar air Drochaid Lusaird. 'S e baile croitearachd a bha ann bho thùs agus an-dràsta tha am baile a' tarraing luchd-coiseachd agus luchd-iasgaich. Tha Sgobharaidh ainmeil airson pailmean ann an gàrraidhean Taigh Sgobharaidh. Bidh iad seo a' fàs mar thoradh air blàthachadh bho Shruth a' Chamais. Tha an tèarmann-nàdair Eilean Shannda faisg air làimh agus tha mòran eòin-mhara, buthaidean agus eòin dubha an sgadain nam measg, a' tuineachadh an sin.

Tha an sgrìobhadh air cùl na cairt ag ràdh, 'Sutherland is a county of contrasts - wild mountains and sheltered bays, particularly on the north-west coast. The peaceful village of Scourie is typical of the gentler aspect. Scourie however is also a favourite tourist resort and a centre for some of the best fishing in the Highlands.'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile agus Bàgh Sgobharaidh

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

1970an

cairtean-puist; bailtean beaga; turasachd; faireadh nan eun; eun-eòlas; croitearan, bailtean

PFW Grant

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn baile Sgobharaidh air taobh an iar Chataibh, le Bàgh Sgobharaidh air cùl na deilbh. 'S e baile beag a th' ann an Sgobharaidh, air an rathad bho Chaol Shròim gu Diùirnis, beagan mhìltean an iar air Drochaid Lusaird. 'S e baile croitearachd a bha ann bho thùs agus an-dràsta tha am baile a' tarraing luchd-coiseachd agus luchd-iasgaich. Tha Sgobharaidh ainmeil airson pailmean ann an gàrraidhean Taigh Sgobharaidh. Bidh iad seo a' fàs mar thoradh air blàthachadh bho Shruth a' Chamais. Tha an tèarmann-nàdair Eilean Shannda faisg air làimh agus tha mòran eòin-mhara, buthaidean agus eòin dubha an sgadain nam measg, a' tuineachadh an sin.<br /> <br /> Tha an sgrìobhadh air cùl na cairt ag ràdh, 'Sutherland is a county of contrasts - wild mountains and sheltered bays, particularly on the north-west coast. The peaceful village of Scourie is typical of the gentler aspect. Scourie however is also a favourite tourist resort and a centre for some of the best fishing in the Highlands.'