Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tarsainn a' Chuain à Caol Loch Aillse gu Eilean a' Cheò
EXTERNAL ID
PC_RAMSAY_003
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
William J Ramsay
AITHNEACHADH MAOINE
29714
KEYWORDS
bàta-smùid pleadhagach
An Saighdear
aiseagan
Over the Sea to Skye from Kyle of Lochalsh

Tha am bàta smùid pleadhagach grinn am Fusilier (An Saighdear), a tha a rèir coltais air a slighe a Phort Rìgh ann an Eilean a' Cheò leis na litrichean, ga coimhead le mòran daoine air a' chidhe ann an Caol Loch Aillse. Chaidh am Fusilier, sa bheil 280 tunna, a thogail ann an 1888, bha i aig David Mac a' Bhruthainn airson greis agus chaidh a leigeil seachad mu dheireadh thall ann an 1939. Mar a thuigear bhon dealbh, bha bàtaichean cudromach ann am beatha làitheil nam bailtean beaga ri oir na mara. Tha fios gun do chuir an luchd-amharc seachad iomadh uair a thìde a' coimhead bhàtaichean fhad 's a bha iad a' feitheamh ris a' bhàta aca fhèin tighinn no falbh! B' e an aiseag bheag a' phrìomh mhodh còmhdhail a bha aig daoine, carbadan agus glè thric stoc, gu Caol Acainn air Eilean a' Cheò. Tha an soitheach, Loch Nis, le a toiseach dìreach ri fhaicinn air an làimh chlì, aig cidhe a' Chaoil agus i ga h-ath-lìonadh le connadh mu choinneamh a turais gu Malaig, Eilean a' Cheò agus Steòrnabhagh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tarsainn a' Chuain à Caol Loch Aillse gu Eilean a' Cheò

ROS: Loch Aillse

1930an

bàta-smùid pleadhagach; An Saighdear; aiseagan

William J Ramsay

Duncan Macpherson (photographs)