Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
M.V. Loch Mòr
EXTERNAL ID
PC_RAMSAY_004
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
William J Ramsay
AITHNEACHADH MAOINE
29715
KEYWORDS
An Loch Mòr
Squeaky Robasdan
bàta nan litrichean
Na h-Eileanan A-muigh
M.V. Lochmor

Chaidh an soitheach An Loch Mòr, san robh 540 tunna, a thogail ann an 1930 agus bha i ann an seirbheis airson faisg air 35 bliadhna. B' e an Caol agus Malaig air tìr mòr na prìomh phuirt a bha air slighe an Loch Mòr, agus an uair sin a-mach gu Uibhist agus na Hearadh sna h-eileanan a-muigh. Aig àm seusan an luchd-turais bhiodh an Loch Mòr a' gabhail a-steach Port Rìgh air slighe nan litrichean nam biodh am bàta àbhaisteach an sàs ann an tursan luchd-turais gu Loch Coire Uisge. B' e duine iomraiteach, eirmseach, math air sgeulachd, às an àite fhèin agus air an robh meas mhòr, a bh' anns an sgiobair, an Caiptean Robasdan air an robh am far-ainm Squeaky, agus a chithear an seo a' còmhradh bho thoiseach a shoithich ri cuideigin san dol seachad

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

M.V. Loch Mòr

ROS: Loch Aillse

1930an

An Loch Mòr; Squeaky Robasdan; bàta nan litrichean; Na h-Eileanan A-muigh

William J Ramsay

Duncan Macpherson (photographs)