Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gàrradh Rèile, Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
PC_RAMSAY_020
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
William J Ramsay
AITHNEACHADH MAOINE
29728
KEYWORDS
stèisean rèile
taobhain
einnsean smùide
Rail Yard, Kyle of Lochalsh

Tha an dealbh seo a' sealltainn a' ghàrraidh rèile agus an ceann-uidhe trang ann an Caol Loch Aillse. Is ann air èiginn a chithear bàta smùid aig a' chidhe air an làimh dheis, agus tha trèanaichean le bàrcadh de smùid a' tighinn asta ag ullachadh airson gluasad air falbh. Cha b' urrainn dhan t-sealladh seo a thighinn gu bith gu às dèidh 1897 nuair a chaidh crìoch a chur air an rèile dhan Chaol. Roimhe sin, bha an loidhne a' crìochnachadh ann am Port an t-Sròim le daoine agus bathar a' dol a dh'àiteachan nas fhaide air adhart air bàta-smùid. Nuair a chaidh Port an t-Sròim sìos dh'fhàs an dà chuid an àireamh dhaoine agus an gnìomhachas anns a' Chaol. Thàinig am port gu bhith na phrìomh àite stad do bhàtaichean smùid agus an t-àite a bu mhotha a bhathar a' cleachdadh air an t-slighe a dh'Eilean a' Cheò.

Bha an loidhne eadar Port an t-Sròim agus An Caol fada, doirbh, cosgail agus cunnartach, le feum air raointean mòra de chreig a sprèadhadh gus an leabaidh loidhne a chur air bhonn. Thug na deich mìle mu dheireadh seo ceithir bliadhna san togail air cosgais timcheall air £20,000 gach mìle - mòran airgid ann an 1897. Mar a tha an dealbh a' toirt am fianais chumadh an sprèadhadh a' dol cho fada ris a' chosta, le feum air tunnaichean cloiche a ghluasad gus àite a dhèanamh airson taobhain, seadaichean einnsean, àrd-chabhsairean agus stèisean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gàrradh Rèile, Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1930an

stèisean rèile; taobhain; einnsean smùide

William J Ramsay

Duncan Macpherson (photographs)

Tha an dealbh seo a' sealltainn a' ghàrraidh rèile agus an ceann-uidhe trang ann an Caol Loch Aillse. Is ann air èiginn a chithear bàta smùid aig a' chidhe air an làimh dheis, agus tha trèanaichean le bàrcadh de smùid a' tighinn asta ag ullachadh airson gluasad air falbh. Cha b' urrainn dhan t-sealladh seo a thighinn gu bith gu às dèidh 1897 nuair a chaidh crìoch a chur air an rèile dhan Chaol. Roimhe sin, bha an loidhne a' crìochnachadh ann am Port an t-Sròim le daoine agus bathar a' dol a dh'àiteachan nas fhaide air adhart air bàta-smùid. Nuair a chaidh Port an t-Sròim sìos dh'fhàs an dà chuid an àireamh dhaoine agus an gnìomhachas anns a' Chaol. Thàinig am port gu bhith na phrìomh àite stad do bhàtaichean smùid agus an t-àite a bu mhotha a bhathar a' cleachdadh air an t-slighe a dh'Eilean a' Cheò. <br /> <br /> Bha an loidhne eadar Port an t-Sròim agus An Caol fada, doirbh, cosgail agus cunnartach, le feum air raointean mòra de chreig a sprèadhadh gus an leabaidh loidhne a chur air bhonn. Thug na deich mìle mu dheireadh seo ceithir bliadhna san togail air cosgais timcheall air £20,000 gach mìle - mòran airgid ann an 1897. Mar a tha an dealbh a' toirt am fianais chumadh an sprèadhadh a' dol cho fada ris a' chosta, le feum air tunnaichean cloiche a ghluasad gus àite a dhèanamh airson taobhain, seadaichean einnsean, àrd-chabhsairean agus stèisean