Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Costa a tuath Chaol Loch Aillse
EXTERNAL ID
PC_RAMSAY_029
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1970an
CRUTHADAIR
William J Grant
NEACH-FIOSRACHAIDH
William J Ramsay
AITHNEACHADH MAOINE
29734
KEYWORDS
Caol Loch Aillse
rèile
taigh-sgoile
sgoil
North Kyle of Lochalsh Coast

Tha an sealladh costa seo, le dustadh de shneachda air na cnuic aig a' chùl, a' sealltainn na slighe dhan Phloc à Caol Loch Aillse. Air an aghaidh tha an sgoil ùr agus an taigh-sgoile a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil anns an Ògmhìos 1961, an àite an togalaich sgoile air an làimh chlì leis na gèibheilean dìreach rim faicinn, a chaidh a thogail timcheall air 1898. Tha an sgoil ùr trì tidsearan seo, a chaidh a dhealbhadh leis an ailtire Raibeart Hurd à Dùn Èideann, air a suidheachadh gus cothrom a ghabhail air an t-sealladh àlainn air Dùn Caan agus Cuiltheann Eilean a' Cheò.

Chithear an loidhne rèile gu soilleir os cionn a' chladaich agus tha an rathad dìreach ri fhaicinn a' suaineadh ris a' chosta. B' e an rathad caol aon-fhillte seo a' phrìomh shlighe eadar Caol Loch Aillse agus Baile Mac Ara a' dol tro Bada Call agus Ceàrnag Bhaile Mhic Ara, agus cha deach rathad eile a chur na àite gu 1970

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Costa a tuath Chaol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1970an

Caol Loch Aillse; rèile; taigh-sgoile; sgoil

William J Ramsay

William J Ramsay Archive

Tha an sealladh costa seo, le dustadh de shneachda air na cnuic aig a' chùl, a' sealltainn na slighe dhan Phloc à Caol Loch Aillse. Air an aghaidh tha an sgoil ùr agus an taigh-sgoile a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil anns an Ògmhìos 1961, an àite an togalaich sgoile air an làimh chlì leis na gèibheilean dìreach rim faicinn, a chaidh a thogail timcheall air 1898. Tha an sgoil ùr trì tidsearan seo, a chaidh a dhealbhadh leis an ailtire Raibeart Hurd à Dùn Èideann, air a suidheachadh gus cothrom a ghabhail air an t-sealladh àlainn air Dùn Caan agus Cuiltheann Eilean a' Cheò. <br /> <br /> Chithear an loidhne rèile gu soilleir os cionn a' chladaich agus tha an rathad dìreach ri fhaicinn a' suaineadh ris a' chosta. B' e an rathad caol aon-fhillte seo a' phrìomh shlighe eadar Caol Loch Aillse agus Baile Mac Ara a' dol tro Bada Call agus Ceàrnag Bhaile Mhic Ara, agus cha deach rathad eile a chur na àite gu 1970