- TIOTAL
- A' rùsgadh chaorach
- EXTERNAL ID
- PC_RAMSAY_043
- ÀITE
- Uachdar Thìre
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1930an
- CRUTHADAIR
- William J Ramsay
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- William J Ramsay
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29738
- KEYWORDS
- rùsgadh
comharrachadh
caoraich

Chaidh an dealbh seo, a tha a' sealltainn obair aig toiseach an t-samhraidh, a thogail aig Uachdar Thìre. Tha daoine a' cruinneachadh aig an fhang gus caoraich a rùsgadh An-diugh, le deimhisean dealain, 's e obair dhoirbh a tha ann an rùgadh chaorach, ach leis na deimhisean làimhe b' e obair air leth trom a bh' ann. Bithear a' cur nan caoraich air beulaibh an duine a tha a' dol gan rùsgadh, uaireanan air being no cnocan, agus bidh am fear a bhios gan rùsgadh a' seasamh no a' suidhe mar as fheàrr leis fhèin. Aon uair 's gu bheil iad air an rùsgadh, bidh comharra air a chur orra. Anns an dealbh seo tha iarann aig nighean òg a bhiodh air a chleachdadh gus comharra a chur air caoraich. Bhiodh an t-iarann air a bhogadh ann an teàrr a bha air a theasachadh, no ann am peant sònraichte agus bhiodh comharra air a chur air air taobh nan caoraich. Tha na h-ainmean a leanas an cois na deilbh seo; bhon làimh chlì Roddie MacLeath, Niall Gòrdan, athair Tommy Gòrdan, Màiri Anna NicLeath, B.P. NicDhòmhnaill agus Donnie MacLeath