Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Teàrlach Moireach, Loch Carrann
EXTERNAL ID
PC_RAMSAY_048
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
1940
LINN
1940an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
William J Ramsay
AITHNEACHADH MAOINE
29742
KEYWORDS
Teàrlach Moireach
Cailean Caimbeul
Drochaid an Dòrnaidh
Charles W Murray, Lochcarron

Chaidh Drochaid an Dòrnaidh fhosgladh gu h-oifigeil air an 30mh dhen Ghiblean 1940, le Teàrlach Moireach à Loch Carrann os cionn na cuirm fhosglaidh. Bha Mgr. Moireach agus Cailean Caimbeul bho Thaigh Seile, a gheàrr an ribean, air a bhith air cùl na h-iomairt airson na drochaid fad bhliadhnachan, ged nach robh iad air taic fhaighinn bho shluagh na sgìre fad na h-ùine. Bha Mgr. Moireach air a bhith na cheann-suidhe air Comataidh Sgìreil Loch Carrann, A' Chaoil agus An Dòrnaidh agus ann am faclan a thuirt e aig a' chuirm fhosglaidh thuirt e nach robh an suidheachadh air a bhith furasta ach gun deach tighinn gu rèite anns a' chomataidh fhèin an toiseach, agus an uair sin gum feuchadh iadsan air a h-uile duine eile a bhrosnachadh chun na h-aon bheachd. Mar sin, thug e aithne dhan chomataidh anns an fharsaingeachd. Anns an òraid aige chùm e air ag innse mun chreideas aige gum biodh an taobh an Iar soirbheachail, gum biodh sgìrean dùthchail air an leasachadh gu math an t-sluaigh agus gu math na h-Ìmpireachd, agus a' cumail sluagh a bhiodh toilichte agus beartach. Dh'fhàg e an uair sin gnothaichean aig Cailean Caimbeul a thug luaidh air Mgr. Moireach airson a chumhachd agus a bhuaidh a chleachdadh anns an dòigh cheart gus na h-ùghdarrasan a bhrosnachadh. An dèidh an fhosglaidh, bha Mgr. Moireach os cionn ghnothaichean aig diathad ann an Taigh-òsta Loch Dubhthaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Teàrlach Moireach, Loch Carrann

ROS: Loch Aillse

1940an

Teàrlach Moireach; Cailean Caimbeul; Drochaid an Dòrnaidh

William J Ramsay

Duncan Macpherson (photographs)