Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
togail Drochaid an Dòrnaidh
EXTERNAL ID
PC_RAMSAY_054
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
William J Ramsay
NEACH-FIOSRACHAIDH
William J Ramsay
AITHNEACHADH MAOINE
29747
KEYWORDS
Drochaid an Dòrnaidh
togalach
cìsean
Dornie Bridge Construction

Chaidh Drochaid an Dòrnaidh, a tha suidhichte far a bheil Loch Dubhthaich, Loch Aillse agus Loch Long a' coinneachadh, fhosgladh gu h-oifigeil Dimàirt 30mh Giblean 1940 an àite aiseag a bha a' frithealadh An Dòrnaidh, Àird Eilbh agus An Tobhtaig.

Nuair a chaidh a' phròiseact a mholadh aig deireadh nan 1920an, bha sgaradh sa choimhearsnachd eadar iadsan a bha deimhinneach mun togail gus an t-slighe a Chaol Loch Aillse agus Eilean a' Cheò a dhèanamh nas ruigsinniche, agus iadsan a bha a' faireachdainn gum milleadh an drochaid na seallaidhean mun cuairt air Caisteal Eilean Donnain agus leis am b' fheàrr rathad ùr, a bhiodh a' leantainn Loch Long agus a' ceangal suas leis an rathad a dh'Inbhir Nis.

Bha grunn dhuilgheadasan ri faighinn os cionn fhathast, a' gabhail a-steach cur an aghaidh dealbhadh na drochaid agus am feum a bha air spang fosglaidh, gus dèanamh cinnteach gum fanadh Loch Long fosgailte mar shlighe-uisge obrachail. Le toiseach an Dàrna Cogadh Mòr dh'fhàs na h-àireamhan de luchd-obrach gann, a' cur tuilleadh maill sa phròiseact.

Chaidh neach-obrachaidh drochaid, Mghr Iain C Mac Mhathain à Uachdar Tìre, fhastadh sa Mhàrt 1940 le pàigheadh seachdainneach de £3.10t. Bha aige ri fuireach san Dòrnaidh agus a bhith a' frithealadh gach latha bho 7m gu 11f, agus cuideigin freagarrach a chur na àite mura biodh e fhèin ann.

Bha 750 troigh de dh'fhad san structair fhèin, le slighe rathaid de 16½ troigh, agus slighe coiseachd de 5 troighean. Bha e air a chumail suas le 15 spangan concrait neartaichte, le slighe uisge saor de 40 troigh.

Thàinig cìsean gu bith air 1 Cèitean 1940, ach chaidh an leigeil seachad ann an 1946. Chaidh drochaid dà-fhillte mòran nas motha a chur an àite na drochaid seo ann an 1991.

Tha an dealbh seo a' sealltainn na drochaid agus i gu bhith crìochnaichte. Tha na taighean air a' chùl nam pàirt de bhaile an Dòrnaidh, leis an rathad mhòr an cois an locha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

togail Drochaid an Dòrnaidh

ROS: Loch Aillse

1930an

Drochaid an Dòrnaidh; togalach; cìsean

William J Ramsay

William J Ramsay Archive