Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Togail Drochaid an Dòrnaidh
EXTERNAL ID
PC_RAMSAY_057
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
William J Ramsay
NEACH-FIOSRACHAIDH
William J Ramsay
AITHNEACHADH MAOINE
29750
KEYWORDS
Drochaid an Dòrnaidh
Àird Eilbh
cunnradairean
Dornie Bridge Construction

Chaidh Drochaid an Dòrnaidh, a tha suidhichte far a bheil Loch Dubhthaich, Loch Aillse agus Loch Long a' coinneachadh, fhosgladh gu h-oifigeil Dimàirt 30mh Giblean 1940 an àite aiseag a bha a' frithealadh An Dòrnaidh, Àrd Eilbh agus An Tobhtaig.

Nuair a chaidh a' phròiseact a mholadh aig deireadh nan 1920an, bha sgaradh sa choimhearsnachd eadar iadsan a bha deimhinneach mun togail gus an t-slighe a Chaol Loch Aillse agus Eilean a' Cheò a dhèanamh nas ruigsinniche, agus iadsan a bha a' faireachdainn gum milleadh an drochaid na seallaidhean mun cuairt air Caisteal Eilean Donnain agus leis am b' fheàrr rathad ùr, a bhiodh a' leantainn Loch Long agus a' ceangal suas leis an rathad a dh'Inbhir Nis.

Bha grunn dhuilgheadasan ri faighinn os cionn fhathast, a' gabhail a-steach cur an aghaidh dealbhadh na drochaid agus am feum a bha air spang fosglaidh, gus dèanamh cinnteach gum fanadh Loch Long fosgailte mar shlighe-uisge obrachail. Le toiseach an Dàrna Cogadh Mòr dh'fhàs na h-àireamhan de luchd-obrach gann, a' cur tuilleadh maill sa phròiseact.

Chaidh neach-obrachaidh drochaid, Mghr Iain C Mac Mhathain à Uachdar Tìre, fhastadh sa Mhàrt 1940 le pàigheadh seachdainneach de £3.10t. Bha aige ri fuireach san Dòrnaidh agus a bhith a' frithealadh gach latha bho 7m gu 11f, agus cuideigin freagarrach a chur na àite mura biodh e fhèin ann.

Bha 750 troigh de dh'fhad san structair fhèin, le slighe rathaid de 16½ troigh, agus slighe coiseachd de 5 troighean. Bha e air a chumail suas le 15 spangan concrait neartaichte, le slighe uisge saor de 40 troigh.

Thàinig cìsean gu bith air 1 Cèitean 1940, ach chaidh an leigeil seachad ann an 1946. Chaidh drochaid dà-fhillte mòran nas motha a chur an àite na drochaid seo ann an 1991.

Tha an dealbh seo a' sealltainn luchd-obrach air a' chladach ann an Àird Eilbh bho far a bheil an drochaid a' dol tarsainn Loch Long dhan Dòrnaidh. Bha baile an Dòrnaidh a tha sìnte ri cladach Loch Long, air a stèidheachadh an toiseach le Comann Iasgaich Bhreatainn ann an 1794. B' e Uilleam Tawse Earranta à Obar Dheathain na cunnradairean a bha an sàs san togail, agus iad a' fastadh dhaoine às a' choimhearsnachd ionadail mar dhubh-chosnaichean agus leas-chunnradairean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Togail Drochaid an Dòrnaidh

ROS: Loch Aillse

1930an

Drochaid an Dòrnaidh; Àird Eilbh; cunnradairean

William J Ramsay

William J Ramsay Archive