Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Màir agus Niall Mac a' Phearsain
EXTERNAL ID
PC_RAMSAY_080
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
William J Ramsay
AITHNEACHADH MAOINE
29758
KEYWORDS
Mac a' Phearsain
Gleann Cuitheal
Mary and Neil Macpherson

B' e Màiri agus Niall Mac a' Phearsain clann Dhonnchaidh agus Mhairead Mhic a' Phearsain. Bha Donnchadh na cheimigear ann an Caol Loch Aillse airson a' chuid mhòr dhe bheatha phroifeiseanta , an dèidh dha a ghnothachas fhosgladh an sin ann an 1912. B' ann à Gleann Eilg a bha athair Dhonnchaidh, ach bha e air gluasad chun a' chosta an ear gus obair na chìobair, agus b' ann air an taobh sin dhen dùthaich a chaidh Donnchadh agus a pheathraichean 's a bhràithrean a thogail. Bha Màighread NicÌomhair bhon Chaol, agus chuir iad seachad am beatha pòsta anns an taigh aca, Gleann Cuitheal, a chaidh ainmeachadh an dèidh a' bhaile anns an deach Donnchadh a thogail. Thogadh Màiri agus Niall anns a' Chaol, agus chaidh iad dhan sgoil an sin agus anns a' Phloc. Gu mì-fhortanach, chaidh Niall a mharbhadh ann an tubaist ann an Kent ann an 1944 's e a' dèanamh seirbheis anns na feachdan. Thill Màiri dhan t-seann dachaigh anns a' Chaol an dèidh dhi a dhol gu foghlam ann an Obar Dheathain, Cambridge agus Geneva, agus an dèidh a bhith a' teagasg fad bhliadhnachan. Dh'eug i ann an 2007

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Màir agus Niall Mac a' Phearsain

ROS: Loch Aillse

1930an

Mac a' Phearsain; Gleann Cuitheal

William J Ramsay

Duncan Macpherson (photographs)