Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd nam Bratach, Spaidsir nam Feachdan Armaichte, Iuchar 2010
EXTERNAL ID
PC_REID_HIGHLAND_GAMES_2010_05
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2010
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Robert Reid
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Reid
AITHNEACHADH MAOINE
29771
KEYWORDS
cruinneachaidhean Gàidhealach
geamaichean Gàidhealach
brataichean
parèid
Standard Bearers, Armed Forces Parade, July 2010

San dealbh-chamara seo chithear an luchd-giùlan a' cruinneachadh air Cnoc a ' Chaisteil roimh Spaidsir nam Feachdan Armaichte a' dol tron bhaile gu Pàirc na Coinneimh a Tuath aig Geamachan Gàidhealach Inbhir Nis 2010.

Am 24mh Iuchar 2010 thill Geamachan Gàidhealach Inbhir Nis do Phàirc na Coinneimh a Tuath an dèidh dha a bhith an àiteigin eile fad seachdad bliadhna 's a dhà. Le bhith a' tachairt an seo, leig sin leis na Geamachan a bhith na cho-thachartas le Subhachas Latha nam Feachdan Armaichte an Inbhir Nis. Le còrr is 800 duine a bharrachd na luib b' e fear de na tachartasan samhraidh a bu mhotha 's a bu fhradharcaich a bh' ann an Alba.

Chaidh spaidsearachd a dhèanamh tron bhaile agus aig a cheann bha Còmhlan Phìobairean aig Leigian Rìoghail Bhreatainn (Alba) às Inbhir Nis agus nan cois bha Còmhlain Phìobairean bho Inbhir Narann, bhon Chomunn, bho na Cadets, bhon Òban, agus o Phìoban is Drumannan 7 SCOTS. Air an cùlaibh mheàrrs, gu ruig Pàirc na Coinneimh a Tuath, saighdearan san t-seirbheis aig 3 SCOTS, 3s Batàillean de Rèisimeid Rìoghail na h-Alba (Am Freiceadan Dubh) agus Batàillean Saighdearan Coise Sgìreil an Airm on t-7mh Batàillean de Rèisimeid Rìoghail na h-Alba, còmhla ri ceudan de shean saighdearan agus riochdairean on Chabhlach Rìoghail, Maraireachd Rìoghail Taisgte agus o Chobhair Bheanntan an RAF.

Gus an gabhadh an sluagh mòr a thoirt a-steach thòisich na geamachan uair a thìde na bu tràithe aig 10m. Chaidh farpaisean aon-neach nam pìobairean a dhèanamh air na gàrraidhean taobh a-muigh Tèatar Cùirt Èdein agus chaidh pàirc chàraichean thogalaichean Comhairle na Gàidhealtachd a chur gu feum airson Baile an Luchd-mhalairt, Pàilleann na Lionn, Stàlaichean Bìdh agus àiteachan don Dannsa Ghàidhealach agus do Cheòl Traidiseanta.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd nam Bratach, Spaidsir nam Feachdan Armaichte, Iuchar 2010

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2010an

cruinneachaidhean Gàidhealach; geamaichean Gàidhealach; brataichean; parèid;

Robert Reid

Am Baile: Highland Games 2010