Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Na Trì Buadhan, Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_ROBERTREID_3VIRTUES_006
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
20 Cèitean 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Robert Reid
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Reid
AITHNEACHADH MAOINE
29787
KEYWORDS
obraichean ealain
obair ealain
ìomhaigh
luchd-ealain
deagh-bheus
gràbhaladh
snaidheadh
craobhan-beithe
cànan
cànain
cànanan
cànainean
The Three Virtues, Church Street, Inverness

San dealbh seo, chithear pàirt de dh'obair ealain a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil ann an Sràid na h-Eaglaise ann an Inbhir Nis sa Mhàrt 2008. Chaidh a cruthachadh le pròiseact IOTA (Inverness Old Town Art) a chionn 's gun robh cuimhne agus meas aig muinntir a' bhaile air trì ìomhaighean a rinn Anndra Davidson, a bha nan seasamh air togalach aig oisean na h-Àrd-sràid agus Sràid a' Chaisteil bho linn Bhictòria gus 1995. Bha na h-ìomhaighean stèidhichte air na caractaran ann am beul-aithris Greugach air an robh na 'Three Graces' ach is iad na Trì Buadhan: Dìlseachd, Dòchas is Carthannas a bh' aig muinntir an àite orra.

Bha Matt Baker, prìomh neach-ealain pròiseact IOTA, ag iarraidh obair-ealain ùr a chruthachadh gus trì buadhan aig Inbhir Nis a riochdachadh. Dh' iarr e air coimhearsnachdan san sgìre trì buadhan ainmeachadh a bu chòir a bhith mar phrionnsabalan stiùiridh aig a' bhaile. Air a' cheann thall, chaidh leanaltas, cridhe fosgailte agus tuigse a thaghadh.

Riochdaich Baker na buadhan seo ann an trì pìosan de chloich Ghallaibh. Tha colas air na clachan mar gu bheil iad air spreidheadh tron chabhsar anns an ceann a deas Sràid na h-Eaglaise. Tha diofar ghnè den chraobh beithe mar phàirt de gach pìos cloiche agus tha fear de na buadhan ùra air a ghràbhaladh air gach fear, ann am Beurla, Gàidhlig agus Seann Lochlannais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Na Trì Buadhan, Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

obraichean ealain; obair ealain; ìomhaigh; luchd-ealain; deagh-bheus; gràbhaladh; snaidheadh; craobhan-beithe; cànan; cànain; cànanan; cànainean

Robert Reid

San dealbh seo, chithear pàirt de dh'obair ealain a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil ann an Sràid na h-Eaglaise ann an Inbhir Nis sa Mhàrt 2008. Chaidh a cruthachadh le pròiseact IOTA (Inverness Old Town Art) a chionn 's gun robh cuimhne agus meas aig muinntir a' bhaile air trì ìomhaighean a rinn Anndra Davidson, a bha nan seasamh air togalach aig oisean na h-Àrd-sràid agus Sràid a' Chaisteil bho linn Bhictòria gus 1995. Bha na h-ìomhaighean stèidhichte air na caractaran ann am beul-aithris Greugach air an robh na 'Three Graces' ach is iad na Trì Buadhan: Dìlseachd, Dòchas is Carthannas a bh' aig muinntir an àite orra. <br /> <br /> Bha Matt Baker, prìomh neach-ealain pròiseact IOTA, ag iarraidh obair-ealain ùr a chruthachadh gus trì buadhan aig Inbhir Nis a riochdachadh. Dh' iarr e air coimhearsnachdan san sgìre trì buadhan ainmeachadh a bu chòir a bhith mar phrionnsabalan stiùiridh aig a' bhaile. Air a' cheann thall, chaidh leanaltas, cridhe fosgailte agus tuigse a thaghadh. <br /> <br /> Riochdaich Baker na buadhan seo ann an trì pìosan de chloich Ghallaibh. Tha colas air na clachan mar gu bheil iad air spreidheadh tron chabhsar anns an ceann a deas Sràid na h-Eaglaise. Tha diofar ghnè den chraobh beithe mar phàirt de gach pìos cloiche agus tha fear de na buadhan ùra air a ghràbhaladh air gach fear, ann am Beurla, Gàidhlig agus Seann Lochlannais