- TIOTAL
- Na Trì Buadhan, Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- PC_ROBERTREID_3VIRTUES_010
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 20 An Cèitean 2009
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Robert Reid
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Robert Reid
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29789
- KEYWORDS
- obraichean ealain
obair ealain
ìomhaigh
luchd-ealain
deagh-bheus
gràbhaladh
snaidheadh
craobhan-beithe
cànan
cànain
cànanan
cànainean

San dealbh seo, chithear pàirt de dh'obair ealain a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil ann an Sràid na h-Eaglaise ann an Inbhir Nis sa Mhàrt 2008. Chaidh a cruthachadh le pròiseact IOTA (Inverness Old Town Art) a chionn 's gun robh cuimhne agus meas aig muinntir a' bhaile air trì ìomhaighean a rinn Anndra Davidson, a bha nan seasamh air togalach aig oisean na h-Àrd-sràid agus Sràid a' Chaisteil bho linn Bhictòria gus 1995. Bha na h-ìomhaighean stèidhichte air na caractaran ann am beul-aithris Greugach air an robh na 'Three Graces' ach is iad na Trì Buadhan: Dìlseachd, Dòchas is Carthannas a bh' aig muinntir an àite orra.
Bha Matt Baker, prìomh neach-ealain pròiseact IOTA, ag iarraidh obair-ealain ùr a chruthachadh gus trì buadhan aig Inbhir Nis a riochdachadh. Dh' iarr e air coimhearsnachdan san sgìre trì buadhan ainmeachadh a bu chòir a bhith mar phrionnsabalan stiùiridh aig a' bhaile. Air a' cheann thall, chaidh leanaltas, cridhe fosgailte agus tuigse a thaghadh.
Riochdaich Baker na buadhan seo ann an trì pìosan de chloich Ghallaibh. Tha colas air na clachan mar gu bheil iad air spreidheadh tron chabhsar anns an ceann a deas Sràid na h-Eaglaise. Tha diofar ghnè den chraobh beithe mar phàirt de gach pìos cloiche agus tha fear de na buadhan ùra air a ghràbhaladh air gach fear, ann am Beurla, Gàidhlig agus Seann Lochlannais