Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Blàr Chùil Lodair
EXTERNAL ID
AB_CULLODEN_REPHOTOGRAPHY_03
ÀITE
Mòinteach Chùil Lodair
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Janine Donald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Janine Donald
AITHNEACHADH MAOINE
298
KEYWORDS
cathan
blàran
carragh-cuimhne
leac-uaghach
leacan-uaghach
càrn
Seumasaich
Hanobharaich
Teàrlach Eideard Stiùbhart
arm
diùcan
rìghrean
uachdranachd
Stiùbhartaich
Culloden Battlefield

Tha an dealbh seo a' sealltainn Blàr Chùil Lodair, agus a' charragh-cuimhne ris a' chùl a chaidh a thogail le Donnchadh Foirbeis Chùil Lodair mar chuimhneachan air na Seumasaich a thuit an sin.

Chaidh Cath Chùil Lodair a chur air an 16mh Giblein 1746 eadar luchd-taic Seumasach a' Phrionnsa Theàrlaich Eideard Stiùbhairt agus arm an Rìgh Hanòbharach Seòras II. 'S e ceann cùise de chogadh a bh' ann mu chreideamhan cràbhach agus poilitigeach a roinn cinneadh agus dùthaich. 'S e cho mì-riaraichte 's a bha daoine leis an dòigh riaghlaidh aig an Rìgh Caitligeach Seumas VII Alba agus II Shasainn a dh'fhàg cuireadh a' dol gu Uilleam Orains gus strì airson na rìgh-chathair agus a dh'fhàg Seumas a' teicheadh às don Fhraing. 'S e ar-a-mach nan Seumasach an 1745-46 ( am ' Forty-Five') an tè mu dheireadh de ghrùnn oidhirpean neo-bhuannachail gus teaghlach aosda nan Stiùbhartach a chur air ais air an rìgh-chathair.

Chaidh bratach nan Seumasach a thogail air an 19mh Lunasdail 1745 aig Gleann Fhionghain agus Teàrlach Eideard Stiùbhart air èigheachd na leas-rìgh agus athair na Rìgh Seumas VIII agus III. Thòisich an t-arm aige a' meàrrsadh gu ruig Lunnainn ach cha d'fhuair e na bha dùil de thaice ann an Sasainn. Chuir iad romhpa tilleadh don Ghàidhealtachd. Bha arm fo Uilleam Augustus, Diùc Chumberland, a bha na mhac as òige aig Rìgh Seòras II, gan ruith. Thàinig an dà arm an aghaidh a chèile air Mòinteach Dhruim Athaisidh (no Cùil Lodair mar a bha e an uairsin).

Bha an t-arm Seumasach na bu lugha ann an àireamh, air an droch uidheamachadh agus gann de dh'armachd-losgaidh agus de dh'eachraidh. Bha iad air meàrrsadh fad na h-oidhche roimhe air plòigh neo-shoirbheachail agus bha an t-acras orra (chaidh am biadh fhàgail an Inbhir Nis). A bharrachd air sin bha am fearann freagarrach don eachraidh agus do na gunnaichean mòra aig Cumberland agus gu tur mì-fhreagarrach don dòigh-cogaidh as fheàrr aig na Seumasaich - an ionnsaigh. Chaidh ruaig a chur air na Seumasaich taobh a-staigh uair a thìde.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Blàr Chùil Lodair

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

cathan; blàran; carragh-cuimhne; leac-uaghach; leacan-uaghach; càrn; Seumasaich; Hanobharaich; Teàrlach Eideard Stiùbhart; arm; diùcan; rìghrean; uachdranachd; Stiùbhartaich