Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh o 1997 - Ionad a bha Uaireigin na Mhargaidh Sprèidh an Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_ROBERTREID_INV_MARKET_01
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Robert Reid
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Reid
AITHNEACHADH MAOINE
29851
KEYWORDS
meadhan baile Inbhir Nis
bùthan
ionadan bhùithean
sprèidh
margaidh sprèidh
leasachadh bhailtean
Site of Former Inverness Mart, 1990s

Chaidh an t-ionad falamh seo, na laighe gu tuath air Rathad Allt a' Mhuilinn, a chleachdadh mar àite pàirceadh chàraichean mus deach leudachadh Ionad Bhùthan a' Gheata an Ear agus mòr-mhargaid Safeway (a-nise Morrisons) a thogail. Roimhe sin 's e ionad margaidh-sprèidh is rup Inbhir Nis a bh' air.

Sna seann làithean bhiodh tuathanaich ag iomain an cuid bheathaichean tro shràidean Inbhir Nis gu na margaidhean sprèidh a bh' aig mullach Bràigh Stìophan agus air Cnoc an t-Sabhail aig mullach Staidhre Raining. Às a seo bhiodh na beathaichean glè thric an toirt gu deas gu na creichean sprèidhe ann am Peairt is san Eaglais Bhreac. Bha an talamh gu tuath air Rathad Allt a' Mhuilinn air a bhith na bhogalach fad linntean, àite a bhiodh tric air a lìonadh le uisge agus bha lòn marbh dùinte den ainm Loch Gorm na mheadhan. Cha b' ann gu ruig meadhan na h-18mh linn a chaidh an talamh a thraoghadh agus dh'fhàg siud e iomchaidh airson togalaichean a chur ann. Chaidh pìos mòr den talamh sin a ghabhail thairis mu dheireadh le na margaidhean sprèidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh o 1997 - Ionad a bha Uaireigin na Mhargaidh Sprèidh an Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

meadhan baile Inbhir Nis; bùthan; ionadan bhùithean; sprèidh; margaidh sprèidh; leasachadh bhailtean

Robert Reid

Chaidh an t-ionad falamh seo, na laighe gu tuath air Rathad Allt a' Mhuilinn, a chleachdadh mar àite pàirceadh chàraichean mus deach leudachadh Ionad Bhùthan a' Gheata an Ear agus mòr-mhargaid Safeway (a-nise Morrisons) a thogail. Roimhe sin 's e ionad margaidh-sprèidh is rup Inbhir Nis a bh' air.<br /> <br /> Sna seann làithean bhiodh tuathanaich ag iomain an cuid bheathaichean tro shràidean Inbhir Nis gu na margaidhean sprèidh a bh' aig mullach Bràigh Stìophan agus air Cnoc an t-Sabhail aig mullach Staidhre Raining. Às a seo bhiodh na beathaichean glè thric an toirt gu deas gu na creichean sprèidhe ann am Peairt is san Eaglais Bhreac. Bha an talamh gu tuath air Rathad Allt a' Mhuilinn air a bhith na bhogalach fad linntean, àite a bhiodh tric air a lìonadh le uisge agus bha lòn marbh dùinte den ainm Loch Gorm na mheadhan. Cha b' ann gu ruig meadhan na h-18mh linn a chaidh an talamh a thraoghadh agus dh'fhàg siud e iomchaidh airson togalaichean a chur ann. Chaidh pìos mòr den talamh sin a ghabhail thairis mu dheireadh le na margaidhean sprèidh.