Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Plana Slighe-adhair an RAF, 15mh Ògmhios 1944
EXTERNAL ID
PC_ROGER_NIVEN_02
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
1944
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roger Niven
AITHNEACHADH MAOINE
29878
KEYWORDS
an Dara Cogadh
RAF Flight Plan, 15 June 1944

Tha am plana slighe-adhair seo aig an RAF - Ramrod Àmh. 1007 - a' toirt seachad mion òrdughan airson creach-bomaidh an 15mh Ògmhios 1944. Tha e na phàirt den chruinneachadh chuimhneachain cogaidh aig John B Niven. Chaidh a' chreach a dhèanamh le 124 pleana Halifax, 156 de Lancaster, agus 10 Mosquito, le diofar scuadran Spitfire an sàs ann.

Chaidh sgrìobhadh a dhèanamh air uachdar a' phlana agus tha na litrichean-ainm 'R.N.' am meadhan na duilleige.

Rugadh is thogadh Iain Brown Niven ann an Dùn Èideann. An dèidh fhoghlam aig sgoil Sheòrais Heriot, chaidh e a-steach do ghnothachas an teaghlaich ag obair air mullaichean thogalaichean, Iain Low, Sglèatairean. B' e sgiathalaich, ge ta, a dheagh mhiann bho òige, agus aig aois naodh-deug san Òg-mhios 1939, chuir e a-steach ainm gu soirbheachail do Shaor-thoilichean Glèidhte an RAF (Volunteer Reserve). Chuir e steach airson Colaiste Feachd an Adhair ann an Cranwell agus fhuair e ann, ach mum b' urrainn dha tòiseachadh, chaidh èigheachd air san t-Sultain seirbheis a dhèanamh sa chogadh.

Tro bhliadhnachan a' chogaidh rinn e seirbheis chliùiteach san RAF, a' sgiathalaich Spitfires san RA, sna h-Innseachan agus ann an Iapan. B' e Ceannard a' Scuadrain ann an Scuadran 602 Baile-mòr Ghlaschu agus ann an Scuadran 485 Shealain Ùir. Choisinn e an DFC (Crois na Sgiathalaich Cliùitich) le crann-tarsainn airson a dhìchill mhisneachail. (Tha crann-tarsainn air a chur ri ribean an DFC airson luchd-coisnidh a tha a' faighinn an dàrna duais.)

Às dèidh a' chogaidh chaidh Iain a-steach air ais do ghnothachas mhullaichean an teaghlaich, phòs e Dorothy Hood agus bha triùir chlann aca. Ghluais e a dh'Inbhir Theòrsa airson obair a dhèanamh ann an roinn na luchd-obrach aig UKAEA (Ùghdarras Lùth Atomaigeach na Rìoghachd Aonaichte) ann an Dùn Rath, mus deach e mu dheireadh a dh'fhuireach ann an Inbhir Nis na fhear-obrach aig an HIDB (Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean).

Bha Iain fìor dhèidheil air goilf (chluich e bho bhacadh de 2) agus sna 1960an bha e na mheadhan air ath-ùrachadh is leudachadh a' chùrsa aig a' Mheaghrath faisg air Inbhir Theòrsa. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1985 agus bhàsaich e san Dàmhair 1986. Tha a bhean, a mhac agus a dhithis nighean fhathast a' fuireach ann an Inbhir Nis 's an Inbhir Narann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Plana Slighe-adhair an RAF, 15mh Ògmhios 1944

1940an

an Dara Cogadh;

Roger Niven

John B Niven: Spitfire Pilot