Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cairt Rìoghail Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: duilleagan 5 agus 8
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY2_008
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Preece
AITHNEACHADH MAOINE
29895
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
cairtean
sgrìobhainnean laghhail
làmh-sgrìobhainnean
Inverness Royal Academy Royal Charter: pages 5 and 8

Chaidh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a stèidheachadh san Iuchair 1792, a' gabhail àite na Sgoil Ghràmair a bh' anns a' bhaile roimhe a bha anns an togalach ris an canar Ionad Dhunbar an-diugh. Bho ìre thràth, fiù 's mus deach an Acadamaidh fhosgladh, bha Luchd-aontachaidh an Acadamaidh ùr èasgaidh iad fhèin a cho-cheangal, mar a tha leabhar geàrr-chunntas nan Stiùirichean ag ràdh, "into a body politick", gus am b' urrainn dhaibh maoin a làimhseachadh agus togalaichean a chumail gu coitcheann le barrachd tèarainteachd. San ochdamh linn deug, b' e Cairt Rìoghail a cheannach an dòigh àbhaisteach air seo a dhèanamh.

Lean an obair gu slaodach airson bliadhna no dhà air dreachd de thionndadh, ach cha b' ann chun an Dàmhair 1791 a bha e deiseil. Chaidh mion-phuingean eile aontachadh san Dàmhair an dèidh sin, nam measg sin an t-iarrtas gun deigheadh an dà chuid ainmean nan Stiùirichean agus nan daoine a bha air co-dhiù £50 aontachadh a ghabhail a-steach. Sa Ghearan 1793, bha Ebenezer Young, tidsear Laideann na h-Acadamaidh ag eadar-theangachadh a' Chairt gu Laideann, agus chaidh iarraidh air cuideachd am Barantas eadar-theangachadh. Aig coinneamh nan Stiùirichean sa Ghiblean 1793, thug Tòmas Gilzean, cistear (no ionmhasair san là-an-diugh) cunntas gun deach a' Chairt fhaotainn bho Rìgh Seòras III.

Bha cosgais mhòr an luib a bhith a faighinn a' Chairt, aig £179 6t 3.5sg - mu chosgais tuastal dà bhliadhna airson an luchd-obrach. Bhon àm seo dh'fhaodaist Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a thoirt air an sgoil, ged nach robh 'Rìoghail' air a chleachdadh airson iomadh bliadhna. Ach chaidh iomradh a thoirt air a' Chairt Rìoghail ann an sanasan pàipeir-naidheachd aison a treas seisean den Acadamaidh a bha ri fosgladh san Iuchair 1793 (sna bhliadhnachan tràth bha seisean a' seasamh sia mìosan). Chuir Teàrlach Mac an Tòisich, sgrìobhair (neach-lagha ann am briathrachas an là an-diugh) agus a bha na neach-taic èasgaidh de phròiseact an Acadamaidh, a bha ag obair ann an Dùn Èideann air ochd lethbhric clò-bhuailte den Chairt agus den Bharantas Rìoghail air an robh i stèidhichte (mhair co-dhiù trì leth-bhric chun an seo) gu tuath. Tha am Barantas (glè thric leis an litreachadh "warrand" sa Bheurla) ann am Beuirla, ach tha a'chairt fhèin ann an Laideann - a rèir coltais a' cleachdadh eadar-theangachadh Ebenezer Young. A rèir coltais chaidh a' Chairt thùsail, air 'vellum', le Seula na h-Alba, a chur gu tuath gu tuath aig an aon àm ri na leth-bhric clò-bhuailte.

Air sgàth atharrachaidhean ann am manaidsearan na sgoile thar nam bliadhnachan, le ùghdarras a' gluasad bho na Stiùirichean gu Bòrd Sgoile Borgh Inbhir Nis ann an 1907, sguir a' Chairt a bhith buntainneach, ach tha i a' toirt ceangal cudromach do dh'eachdraidh thràth na sgoile. Tràth anns an fhicheadamh linn bhathas a' gabhail ris gun robh a' Chairt thùsail air a call, ach chaidh a lorg ann an oifis neach-lagha ann an Inbhir Nis ann an 1942 agus chaidh a tilleadh chun na sgoile. Ach bha an t-seula briste ge-ta, ged a bha i fhathast ceangailte ris a' chairt le a ceangal. Aig àm comharrachadh 200 bliadhna na sgoile ann an 1992, chaidh a' chairt a dhèanamh suas às ùr agus a cur ann am frèam, leis an obair air a mhaoineachadh le Maoin Maitheas Coitcheann Inbhir Nis, agus tha i a-nis air a taisbeanadh san sgoil. An dèidh obair glèidhteachais nuadha, saoilear nach deach mòran millidh a dhèanamh air an t-seula.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cairt Rìoghail Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: duilleagan 5 agus 8

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1790an

sgoiltean; foghlam; cairtean; sgrìobhainnean laghhail; làmh-sgrìobhainnean

Robert Preece

Inverness Royal Academy (photographs)