Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Roinn na Bun-sgoile, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY2_009
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1992
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Preece
AITHNEACHADH MAOINE
29896
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
togalaichean
clasaichean
The Primary Department of Inverness Royal Academy

Anns an dealbh seo, chithear Roinn Bun-sgoil Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Chaidh an dealbh a thogail mar phàirt de thaisbeanadh a chaidh a chumail gus dà cheud bliadhna den sgoil a chomharrachadh. Air an taobh chlì, chithear pàirt den Talla Chruinneachaidh. Chaidh seo a thogail mar phàirt de dh'obair-leudachaidh air an sgoil agus dh'fhosgail e ann an 1960.

Tràth san fhicheadamh linn, bha sreath de Cheannardan fìor mhath air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus chaidh àireamh nan sgoilearan am meud. Mar thoradh air seo cha robh togalach na sgoile, a chaidh a thogail ann an 1895, mòr gu leòr tuilleadh. Bha na sgoilearan eadar mu 5 bliadhna a dh'aois agus 17 no 18 airson a bhith a' dol don oilthigh, agus mar sin, bha "sgoil àrd" agus "sgoil ìosal" ann (coltach ri Roinn Àrd-sgoile agus Roinn Bun-sgoile san latha an-diugh).

Chaidh togalach ealain agus saidheans a thogail air Rathad Midmills. Chaidh seo a chur ri iar-dheas an togalaich thùsail. Anns an Dàmhair 1920, dh'aontaich Comataidh Stiùiridh Sgoiltean Baile Inbhir Nis ann am prionnsabal ri Roinn Bun-sgoile ùr a thogail le rùm airson 200 sgoilear. Bhathar ag amas air togalach ùr le dà làr a thogail le ochd seòmraichean sgoile. Bhiodh seo suidhichte air cùlaibh ceann a tuath prìomh thogalach na h-Acadamaidh. A rèir nan dreach phlanaichean a chaidh a dhèanamh aig toiseach 1922, chosgadh seo eadar £10,500 agus £13,500. Air a' cheann thall, bha feum air iasad £10,030 gus togalach le aon làr a thogail ann an ceann a tuath fearainn na sgoile. Cha robh làn cheangail aig an togalach ùr ri prìomh thogalach na sgoile ach chosg e uiread a thogail 's a chosg am prìomh thogalach fhèin 30 bliadhna na bu thràithe. Bha seachd seòmraichean sgoile ann. Bha iad uile ceangailte ri trannsa ann am meadhan an togalaich a bha cuideachd ceangailte ri prìomh thogalach na sgoile. Bha rùm anns gach seòmar airson 40 sgoilear.

Bha seòmar don luchd-obrach agus taighean-beaga ann cuideachd. Bha talla mòr ann aig ceann na trannsa airson "drill", co-chruinneachaidhean sgoile agus tachartasan. Chaidh Roinn na Bun-sgoile fhosgladh gu h-oifigeil air 2 Dùbhlachd 1925 leis an Dr Seòras MacDhòmhnaill, Rùnaire Roinn Foghlaim na h-Alba le iuchair òir. Chaidh bun-sgoil na h-acadamaidh a dhùnadh mean air mhean aig deireadh nan 1950an agus chaidh an clas 7 mu dheireadh don Àrd-sgoil anns an Ògmhios 1961. Chaidh an togalach a chleachdadh an uair sin airson eaconamas dachaigh, talla spòrs do nigheanan agus seòmar luchd-obrach do bhoireannaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Roinn na Bun-sgoile, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

sgoiltean; foghlam; togalaichean; clasaichean

Robert Preece

Inverness Royal Academy (photographs)