Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: dealbh a chaidh a thogail an 1992 de Thogalach-leudachaidh 1960
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY2_010
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1992
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Preece
AITHNEACHADH MAOINE
29897
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
togalaichean
clasaichean
Inverness Royal Academy 1960 extension, photographed in 1992

B' e an leudachadh a rinneadh ann an 1960 an treas leudachadh air togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis air làrach Midmills. Bha an sgoil air gluasad bho Shràid na h-Acadamaidh ann an 1895. Dh'fhosgail a' chiad togalach leudaichte ann an 1913. B' e seo togalach le seòmraichean saidheans, ealain agus talla spòrs suidhichte an ear-dheas air an togalach thùsail. Chaidh roinn na bun-sgoile a thogail ann an 1925 agus bha seo air taobh an ear-thuath na sgoile. Nuair a chaidh togalach leudaichte 1960 a thogail, chrìochnaich an togalach ùr a' cheàrnag, le ceithear cheàrnagan, air cùl an t-seann togalaich.

Anns an togalach ùr seo, bha talla cruinnichidh a bha ceangailte ri biadhlann le cidsin. Mus deach seo a thogail, b' e an talla ann am meadhan an t-seann togalaich an aon àite mòr airson cruinneachadh ach bha seo fada ro bheag airson tionalan sgoile agus tachartasan eile mar sin. Bhiodh na sgoilearan ag ithe ann an leas-thogalach ann am Bun-sgoil a' Chrùin air taobh eile Rathad Midmills. Mar thoradh air seo, chaidh mòran de na sgoilearan dhachaigh no gu bèicearan aig àm lòin. Bha uidheamachd sa phrìomh thalla airson a chleachdadh mar thaigh-cluiche agus chaidh a chleachdadh airson iomadh diofar seòrsa cuirm anns na 1960an agus 1970an. Bha òrgan dealanach ann a chosg £1,500. Bhiodh seo air a chluich airson nan laoidhean rè tional na sgoile gach madainn.

Chaidh an dealbh seo a thogail ann an 1992 airson taisbeanadh gus 200 bliadhna den sgoil a chomharrachadh. Chaidh a thogail ann an Rathad Midmills, agus chithear na seòmraichean-clas aig a bheil sealladh gu deas. Bha iad seo a' gabhail a-staigh deuchainn-lann saidheans (làr ìosal, clì), bùth-obrach foghlam teicnigeach (air a chleachdadh airson saorsainneachd (làr ìosal, deas), agus ceithir seòmraichean teagaisg àbhaisteach a bha air an cleachdadh airson eachdraidh. Bha taighean-beaga agus seòmraichean-èididh ann airson sgoilearan agus bha seòmar luchd-obrach ann airson nam fear (bha seòmar luchd-obrach ann do na boireannaich ann an seann togalach na bun-sgoile). Bha oifis ann airson an leas-cheannaird cuideachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: dealbh a chaidh a thogail an 1992 de Thogalach-leudachaidh 1960

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

sgoiltean; foghlam; togalaichean; clasaichean

Robert Preece

Inverness Royal Academy (photographs)

B' e an leudachadh a rinneadh ann an 1960 an treas leudachadh air togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis air làrach Midmills. Bha an sgoil air gluasad bho Shràid na h-Acadamaidh ann an 1895. Dh'fhosgail a' chiad togalach leudaichte ann an 1913. B' e seo togalach le seòmraichean saidheans, ealain agus talla spòrs suidhichte an ear-dheas air an togalach thùsail. Chaidh roinn na bun-sgoile a thogail ann an 1925 agus bha seo air taobh an ear-thuath na sgoile. Nuair a chaidh togalach leudaichte 1960 a thogail, chrìochnaich an togalach ùr a' cheàrnag, le ceithear cheàrnagan, air cùl an t-seann togalaich. <br /> <br /> Anns an togalach ùr seo, bha talla cruinnichidh a bha ceangailte ri biadhlann le cidsin. Mus deach seo a thogail, b' e an talla ann am meadhan an t-seann togalaich an aon àite mòr airson cruinneachadh ach bha seo fada ro bheag airson tionalan sgoile agus tachartasan eile mar sin. Bhiodh na sgoilearan ag ithe ann an leas-thogalach ann am Bun-sgoil a' Chrùin air taobh eile Rathad Midmills. Mar thoradh air seo, chaidh mòran de na sgoilearan dhachaigh no gu bèicearan aig àm lòin. Bha uidheamachd sa phrìomh thalla airson a chleachdadh mar thaigh-cluiche agus chaidh a chleachdadh airson iomadh diofar seòrsa cuirm anns na 1960an agus 1970an. Bha òrgan dealanach ann a chosg £1,500. Bhiodh seo air a chluich airson nan laoidhean rè tional na sgoile gach madainn. <br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thogail ann an 1992 airson taisbeanadh gus 200 bliadhna den sgoil a chomharrachadh. Chaidh a thogail ann an Rathad Midmills, agus chithear na seòmraichean-clas aig a bheil sealladh gu deas. Bha iad seo a' gabhail a-staigh deuchainn-lann saidheans (làr ìosal, clì), bùth-obrach foghlam teicnigeach (air a chleachdadh airson saorsainneachd (làr ìosal, deas), agus ceithir seòmraichean teagaisg àbhaisteach a bha air an cleachdadh airson eachdraidh. Bha taighean-beaga agus seòmraichean-èididh ann airson sgoilearan agus bha seòmar luchd-obrach ann airson nam fear (bha seòmar luchd-obrach ann do na boireannaich ann an seann togalach na bun-sgoile). Bha oifis ann airson an leas-cheannaird cuideachd