Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seòras A Moireasdan, Ceannard-sgoile, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY2_011
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Preece
AITHNEACHADH MAOINE
29898
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
luchd-teagaisg
tidsearan
ceannardan-sgoile
maighstirean-sgoile
luchd-obrach
dealbhan
George A Morrison, Rector, Inverness Royal Academy, 1910-1920

Nuair a dh'fhàg Gilbert Watson a dhreuchd mar Cheannard Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis ann an 1910, fhuaireadh 31 tagraidhean airson na h-obrach. B' e Seòras Moireasdan, a bha na neach-teagaisg chànanan clasaigeach ann an Sgoil Raibeirt Ghòrdain ann an Obar Dheathain, an tagraiche soirbheachail. Bha mòran de na sgoilearan aige air bursaraidhean is duaisean cliùiteach a bhuannachadh. Bha am Moireasdanach na cheannard air an sgoil gu goirid às dèidh a' Chogaidh Mhòir. Thill e an uair sin gu Sgoil Raibeirt Ghòrdain mar cheannard na h-àrd-sgoile. Bha e air cur a-staigh airson obair mar Cheannard an Fhoghlaim airson Siorrachd Obar Dheathain agus mar Cheannard Àrd-sgoil Rìoghail Dhùn Èideann ach cha robh e soirbheachail ged a thàinig e faisg air an dà dhreuchd fhaighinn. Dh'obraich e ann an Obar Dheathain gu 1933. Rinn e seirbheis mar cheannard an EIS fad greis. Goirid às dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth aig Colaiste Raibeirt Ghòrdain, chaidh e na Bhall Pàrlamaid airson Oilthighean na h-Alba, dreuchd a bh' aige gu 1945. Chaochail e ann an 1956 aig aois 86

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seòras A Moireasdan, Ceannard-sgoile, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

sgoiltean; foghlam; luchd-teagaisg; tidsearan; ceannardan-sgoile; maighstirean-sgoile; luchd-obrach; dealbhan

Robert Preece

Inverness Royal Academy (photographs)