Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clag na Sgoile, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY2_012
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1992
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Preece
AITHNEACHADH MAOINE
29899
KEYWORDS
sgoiltean
luchd-teagaisg
tidsearan
luchd-obrach
ceannardan-sgoile
maighstirean-sgoile
Inverness Royal Academy: School Bell

Anns an dealbh seo, a chaidh a thogail ann an 1992, dà cheud bliadhna às dèidh stèidheachadh na sgoile, chithear Iain Friseal (Ceannard 1971-1993) (clì) agus Tormod Cordiner (Cathraiche Bòrd na Sgoile) (deas), ri taobh ciste a' chluig. Tha clag Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis air aon de na rudan a tha a' ceangal an Acadamaidh ris an sgoil a bh' ann roimhpe, Sgoil Ghràmair Inbhir Nis. Bha an sgoil suidhichte anns an togalach ann an Sràid na h-Eaglais air a bheil Ionad Dunbar a-nis. Chaidh an clag a thoirt don sgoil le Eachann Friseal, a bha na cheannard air an sgoil ghràmair eadar 1755 agus 1777. Sgrìobhte air a' chlag, tha:

Ex Dono Hectoris Fraserii Ludimagistri Invernessensis 1756
(Tiodhlac bho Eachann Friseal, Maighstir Sgoile Inbhir Nis 1756).

Tha ìomhaigh-bràghad de dh'Eachann Friseal air a taisbeanadh san sgoil. Chaidh seo a shnaidheadh le Westmacott.

Dh'fhosgail an Acadamaidh Rìoghail ann an 1792 ann an Sràid Ùr, air a bheil Sràid na h-Acadamaidh a-nis. Anns an leabhar geàrr-chunntasan aig stiùirichean na sgoile, tha stiùireadh ann bho 1793 gun rachadh an clag a thoirt bhon Sgoil Ghràmair agus gun rachadh a chur suas "san àite san Acadamaidh far an cluinneadh daoine a b' fheàrr e". Chaidh tùr-cluig a thogail ach bha e feumach air obair càraidh ann an 1832 a chosgadh £40. Bhathar den bheachd gun robh seo ro chosgail agus mar sin, chaidh tùr-cluig sealach a thogail air taigh an dorsair.

Ann an 1895, chaidh an clag a ghluasad don togalach ùr ann an sgìre a' Chrùin far an robh tùr-cluig sònraichte os cionn an dorais mhòir. Bhiodh e a' gairm clann do na clasaichean aca fad ghinealaich ach a-mhàin rè nan cogaidhean nuair a bha e toirmigste clagan a bhualadh ach mar chomharra gun robh ionnsaigh gu bhith air a thoirt air an dùthaich. Bhiodh sgoilearan ag iarraidh air an dorsair cothrom a thoirt dhaibh an clag a bhualadh bhon ghailearaidh air a' chiad làr den togalach.

Ghluais an clag aon uair eile ann an 1982, bliadhnaichean às dèidh do thogalach ùr na sgoile fhosgladh ann an Cùl Daothail. Chaidh an clag a thoirt sìos bho thogalach a' Chruin agus chaidh a chur ann am bogsa glainne a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach le Ailean Beattie, a bha na cheannard air cuspairean teicnigeach san acadamaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clag na Sgoile, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

sgoiltean; luchd-teagaisg; tidsearan; luchd-obrach; ceannardan-sgoile; maighstirean-sgoile

Robert Preece

Inverness Royal Academy (photographs)