Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Làrach Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sna 1970an
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY2_013
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Preece
AITHNEACHADH MAOINE
29900
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
dealbhan-camara adhair
bailtean
togalaichean
deilbh on adhar
1970s view of Inverness Royal Academy site

San dealbh seo, chithear sealladh bhon adhar den sgìre faisg air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a chaidh a thogail anns na 1970an. Tha an sgoil ann am meadhan na deilbh agus chithear cuideachd Sgoil a' Chrùin, le raon-cluiche mòr, aig bonn na deilbh air an taobh chlì. Tha Cearcall a' Chrùin agus Rathad Midmills eadar an Acadamaidh Rìoghail agus Bun-sgoil a' Chrùin. Chithear an gàrradh rèile agus an stèisean agus cuideachd an Eastgate, mus deach an t-àite ath-sgeadachadh le Ionad an Eastgate. Aig bàrr na deilbh air an làimh chlì, chithear Àrd-shràid Inbhir Nis.

Chithear na ceithir diofar ìrean ann an leasachadh na h-Acadamaidh Rìoghail. Tha trì mullaichean "pitched" co-shìnte le tùr-cluig air an togalach a chaidh a thogail ann an 1895 an àite an togalaich thùsail air Sràid na h-Acadamaidh. Nas fhaisge air bonn na deilbh, le dà uinneig-stuaidh nochdte, tha an togalach leudaichte a chaidh a thogail ann an 1913 airson saidheans, spòrs agus ealain. Tha an dà mhullach cho-shìnte fhada air taobh eile na ceithir-cheàrnag air an togalach a chaidh a thogail airson na Bun-sgoil ann an 1925. Chaidh an togalach leudaichte le mullach còmhnard agus air a bheil uinneagan beaga air a' mhullach a thogail anns na 1960an agus tha biadhlann agus talla cruinneachaidh ann cho math ri beagan seòmraichean-sgoile a bharrachd. Tha trì bothanan sealach ann faisg air prìomh thogalaichean na sgoile air an làimh dheis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Làrach Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sna 1970an

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1970an

sgoiltean; foghlam; dealbhan-camara adhair; bailtean; togalaichean; deilbh on adhar

Robert Preece

Inverness Royal Academy (photographs)

San dealbh seo, chithear sealladh bhon adhar den sgìre faisg air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a chaidh a thogail anns na 1970an. Tha an sgoil ann am meadhan na deilbh agus chithear cuideachd Sgoil a' Chrùin, le raon-cluiche mòr, aig bonn na deilbh air an taobh chlì. Tha Cearcall a' Chrùin agus Rathad Midmills eadar an Acadamaidh Rìoghail agus Bun-sgoil a' Chrùin. Chithear an gàrradh rèile agus an stèisean agus cuideachd an Eastgate, mus deach an t-àite ath-sgeadachadh le Ionad an Eastgate. Aig bàrr na deilbh air an làimh chlì, chithear Àrd-shràid Inbhir Nis. <br /> <br /> Chithear na ceithir diofar ìrean ann an leasachadh na h-Acadamaidh Rìoghail. Tha trì mullaichean "pitched" co-shìnte le tùr-cluig air an togalach a chaidh a thogail ann an 1895 an àite an togalaich thùsail air Sràid na h-Acadamaidh. Nas fhaisge air bonn na deilbh, le dà uinneig-stuaidh nochdte, tha an togalach leudaichte a chaidh a thogail ann an 1913 airson saidheans, spòrs agus ealain. Tha an dà mhullach cho-shìnte fhada air taobh eile na ceithir-cheàrnag air an togalach a chaidh a thogail airson na Bun-sgoil ann an 1925. Chaidh an togalach leudaichte le mullach còmhnard agus air a bheil uinneagan beaga air a' mhullach a thogail anns na 1960an agus tha biadhlann agus talla cruinneachaidh ann cho math ri beagan seòmraichean-sgoile a bharrachd. Tha trì bothanan sealach ann faisg air prìomh thogalaichean na sgoile air an làimh dheis