Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, togalach leudaichte 1913: taobh a-muigh, exterior, dealbh air a thogail air oisean Rathaidean Midmills is Kingsmills mu 1920
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY2_015
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1913
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Preece
AITHNEACHADH MAOINE
29902
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
togalaichean
Inverness Royal Academy 1913 extension: exterior, from the corner of Midmills Road and Kingsmills Road, around 1920

Ghluais Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis bho a làrach thùsail ann an Sràid Ùr (air a bheil Sràid na h-Acadamaidh a-nis) gu làrach ùr ann an sgìre a' Chrùin. Cha robh cruth togalach na sgoile freagarrach tuilleadh airson an t-seòrsa foghlaim a bhathar a' toirt seachad aig an àm. Dh'fhosgail togalach ùr ann an sgìre a' Chrùin anns a' Ghearran 1895. Dh'fhàs an sgoil agus chaidh an togalach a leudachadh gu mòr air taobh deas na làraich air Rathad Midmills le deuchainn-lannan, seòmraichean ealain agus talla-spòrs. Rinneadh seòmraichean clas àbhaisteach de na deuchainn-lannan agus de na seòmraichean ealain mu dheireadh.

Thòisich obair dealbhachaidh ann an 1910, agus chaidh gabhail ri tairgsean togail anns an t-Samhain 1911. Dh'fhosgail an togalach ùr, a tha ri fhaicinn air taobh deas na deilbh seo, gu h-oifigeil san Fhaoilleach 1913 le J. Annan Bryce, Ball Pàrlamaid, le mòran dhaoine cudromach bhon choimhearsnachd an làthair. Chaidh aonta a dhèanamh gum biodh an Àrd-sgoil (a bha fhathast suidhichte san togalach far a bheil Sgoil a' Chrùin a-nis) a' roinn na làraich agus cuid den luchd-obrach leis an Acadamaidh. Tha grunn dehalbhan ann de na seòmraichean clas a chaidh a thogail mun àm a chaidh an sgoil a thogail. A rèir coltais, cha do dh'atharraich na seòmraichean gu ìre mhòr sam bith eadar fosgladh an togalaich agus gluasad na sgoile don làraich ùir ann an Cùl Daothail ann an 1979.

Bha ceithir deuchainn-lannan saidheans air an làr ìosal cho math ris an talla spòrs. Bha na seòmraichean ealain air a' chiad làr cho math ri seòmar-òraid saidheans. Rinneadh seòmar-ciùil den t-seòmar-òraid. Bha taighean-beaga agus seòmraichean-chòtaichean anns an togalach ùr cuideachd. Chosg an togalach ùr mu £8000 agus phàigh Roinn Foghlaim na h-Alba £2500 de seo mar tabhartas. Phàigh luchd-pàighidh chìsean Baile agus Siorrachd Inbhir Nis an còrr de na cosgaisesan. Tha sia dealbhan ann a chaidh a thogail aig àm an fhosglaidh oifigeil. Chaidh na seòmraichean a chleachdadh uaireannan le àrd sgoilearan Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, a bha stèidhichte anns an togalach a tha a-nis le Sgoile a' Chrùin.

Goirid às dèidh fosgladh an togalaich, chaidh clasaichean oidhche saidheans agus ealain (airson daoine a bha air an sgoil fhàgail) a ghluasad bhon Àrd-sgoil don Acadamaidh far an robh deagh ghoireasan ùra ann. Cha b' fhada gus an robh duilgheadasan ann le pàirt de mhullach an togalaich, is dòcha mar thoradh air uireasbhaidh dealbhaidh. Chaidh na taighean-beaga a chleachdadh rè nan cogaidhean le luchd nam feachdan armaichte a bha stèidhichte ann an Tallachan Eaglais a' Chrùin air taobh eile na sràide

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, togalach leudaichte 1913: taobh a-muigh, exterior, dealbh air a thogail air oisean Rathaidean Midmills is Kingsmills mu 1920

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1910an

sgoiltean; foghlam; togalaichean

Robert Preece

Inverness Royal Academy (photographs)