Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: Companaidh nan Guides, 1932
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY2_022
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1932
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Preece
AITHNEACHADH MAOINE
29909
KEYWORDS
guides, guiding
èididhean
buidhnean
Inverness Royal Academy: Academy Girl Guide Company, 1932

Seo dealbh de cheannardan Patrol nan Girl Guides ann an seisean 1931-32. Chithear:
Sreath cùil: I. Ghrannd,, J.L Law, S.D Ros.
Sreath aghaidh: C.S NicLeòid (Tawny Owl), Ceannard Company E.G Molwat, J. Nic a' Phearsain.

Bha Company Girl Guides, 3s Companaidh Inbhir Nis, gnìomhach ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis eadar mu 1923 agus tòiseach nan 1940an. Aig an tòiseach, b' e A' Bh-Uas Màiri Roy (Cruinn-eòlas) an Caiptean. Eadar 1927 agus 1932, b' e A' Bh-Uas Jessie Hall (ealain) am Fo-cheannard. Chaidh campa samhraidh nan Guide a chumail ann an Ros Maircnidh san Eilean Dubh, agus ann jan 1929, chaidh an campa a chumail ann an Loch Meikle ann an Gleann Urchadain.

Chaidh feachd Brownies a stèidheachadh ann an 1929 ach chan e coltach gun do mhair e fada. Às dèidh greis às aonais Caiptein, chaidh a' Chompanaidh Guides a stiùireadh bho dheireadh 1936 leis a' Bh-Uas Marshall le taic bhon Bh-Uas Ola Chaimbeul (gu samhradh 1938) agus leis a' Bh-Uas Chrissie NicFhearghais (bhon Fhoghar 1938). Chaidh dathan ùra a thoirt don Chompanaidh sa Ghearran 1939, ach chithear na seann dathan ann an dealbh den Chompanaidh air fad a chaidh a thogail ann an 1927.

Chaidh Dathan ùra a thoirt don Chompanaidh anns a' Ghearran 1939. Chithear na seann Dathan ann an dealbh a chaidh a thogail den Chompanaidh Guides air fad ann an 1927. Ann an 1937 chaidh tè de nighean na h-Acadamaidh, an Ceannard Patrol Chrissie NicFhearghais, a thaghadh gus Siorrachd Inbhir Nis a riochdachadh aig Crùnadh Sheòrais VI, agus chaidh tè eile a thaghadh airson a dhol gu Campa Eadar-nàiseanta nan Guides ann am Blàr Athall ann an Siorrachd Pheairt. Chaidh treas Guide (dh'fhaodte nach robh i à companaidh na h-Acadamaidh) gu Campa Eadar-nàiseanta san Ungair san Iuchar 1939 agus thill i dhachaidh dìreach seachdainean mus do thòisich an Dara Cogadh. Tha aithris air na tachartasan seo ann an iris na sgoile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: Companaidh nan Guides, 1932

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930an

guides, guiding; èididhean; buidhnean

Robert Preece

Inverness Royal Academy (photographs)