- TIOTAL
- Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: Coisir na Sgoile, 1923/24
- EXTERNAL ID
- PC_ROYALACADEMY2_023
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Robert Preece
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29910
- KEYWORDS
- ceòl
coisirean
buidhnean
sgoiltean
còmhlain ciùil

Ruith an sgoil roghainn de bhuidhnean taobh-a-muigh-sgoile eadar an Cogadh Mòr agus an Dara Cogadh. Is e buidhnean spòrs a bh' anns a' mhòr-chuid aca ach bha còisirean ann cuideachd. Chan eil mòran fiosrachaidh againn mun dealbh seo de chòisir sgoile Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis ann an seisean 1923-24. Tha fios againn le cinnt gun do ghabh còisirean pàirt anns an fhèis chiùil ionadail bho 1926 a-mach.
Chuireadh iomadh dealbh-cluich air dòigh anns na 30an. Eadar na cogaidhean, bha roinn ciùil gu math gnìomhach aig an sgoil. Bhiodh an sgoil a' toirt seachad leasanan piàna ach b' e seinn as motha a bha air a theagasg. Bha dà seòmar ciùil ann tràth sna 1920an ach chaidh an dà sheòmar a chur còmhla agus chaidh piàna a theagasg an uair sin ann an Talla Eaglais a' Chrùin. B' e Lewis Owen an neach-teagaisg ciùil aig an àm seo. Dh'obraich e anns an sgoil fad 27 bliadhna eadar 1912 agus àm a bhàis ann an 1940