Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: Bonn Ràthaig Mhòir, 1881
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY2_024
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Preece
AITHNEACHADH MAOINE
29911
KEYWORDS
sgoiltean
buinn
duaisean
duaisean sgoilearachd
Inverness Royal Academy: Raigmore Medal, 1881

Dh'fhosgail Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis as t-samhradh 1792, le airgead fo-sgrìobhaidh an dà chuid à Alba agus bho dhaoine à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns na h-Innseachan an Ear a bha air airgead a dhèanamh ann an tràillealachd. As t-foghar 1808, thàinig Lachlan Mac an Tòisich, fear Ràthaig Mhòr, à Calcutta sna h-Innseachan airson a bhith na Stiùiriche air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Thàinig geallaidhean airson fo-sgrìobhaidhean luach £2605 5s air ais à Bengal leis airson na sgoile agus airson Ospadal a' Chinn a Tuath (a bha cuideachd ga chur air adhart aig an àm seo), le £2300 den airgead aige mar-thà. Thuirt e gun robh a' mhòr-chuid den airgead airson na h-Acadamaidh agus mar sin, chaidh aontachadh gun rachadh £2000 a thoirt don sgoil agus gun rachadh an còrr don Ospadal. Bha airgead fear Ràthaig Mhòir air leth cudromach oir cha robh mòran airgid a' tighinn a-steach don phròiseact bho àite sam bith eile aig an àm.

Ann an 1810, stèidhich Mac an Tòisich an duais air a bheil Bonn Ràthaig Mhòir a-nis. Bhiodh seo air a thoirt don sgoilear as fheàrr ann am matamataig agus cànan clasaigeach. Bhiodh am bonn seo air a thoirt seachad dà thuras sa bhliadhna: bonn òir rè saor-làithean an t-samhraidh agus bonn airgid rè saor-làithean a' gheamhraidh.

theirig an t-airgead. Chuir daoine eile ris a' mhaoin, a' gabhail a-steach airgead bho àrd bhall eile de Chlann Mhic an t-Saoir. Chaidh bonn airgid Ràthaig Mhòir a thoirt seachad airson an turais mu dheireadh ann an 1888, agus aig an àm sin, chaidh buinn ùra a thoirt don sgoil airson an toirt seachad airson chuspairean eile.

Chaidh iomadh bonn a thoirt air ais don sgoil thar nam bliadhnaichean. Chaidh am fear as sine a dhèanamh anns na 1840an. Anns an dealbh seo, chithear bonn a chaidh a thoirt do Sheumas Forsyth airson matamataig. Aig tòiseach an 20mh linn, rinn Peadar J. Anderson, seann sgoilear a bha ag obair mar leabharlannaiche ann an Colaiste an Rìgh, Obar Dheathain, liosta den a h-uile duine a fhuair bonn eadar 1811 agus 1906, le fiosrachadh eachdraidh-beatha far an robh sin ri fhaighinn.

Bha Alasdair Penrose Hay am measg an fheadhainn a bhuannaich bonn ann an 1822. Às dèidh dha an sgoil fhàgail, bha e na neach-lagha agus na Sheamarlan Baile airson Inbhir Nis. Tha ìomhaigh-bràghad dheth a-nis ann an Talla Baile Inbhir Nis. Tha a bhonn a-nis ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis. Ann an 1827, bhuannaich Eideard Strathearn Gòrdan bonn. Às dèidh dha an sgoil fhàgail bha e na Àrd-neach lagha agus na Mhorair Tagraidh agus rinneadh Morair Gòrdain Drumearn dheth. Bhuannaich Peadar Anderson fhèin dà bhonn Ràthaig Mhòir ann an 1867 an toiseach airson matamataig agus an uair sin ann an 1868 airson nan cànanan clasaigeach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: Bonn Ràthaig Mhòir, 1881

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

sgoiltean; buinn; duaisean; duaisean sgoilearachd

Robert Preece

Inverness Royal Academy (photographs)