Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, mu 1908 no 1909, le Uilleam J. MacBhàtair, Ceannard
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY2_032
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Preece
AITHNEACHADH MAOINE
29919
KEYWORDS
sgoiltean
luchd-obrach
luchd-teagaisg
dealbhan
daoine
Inverness Royal Academy staff, probably around 1908 or 1909, with Wm. J. Watson, Rector

Dealbh de luchd-obrach Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a chaidh a thogail nuair a bha Uilleam J. MacBhàtair na cheannard-sgoile (1895 - 1909). Tha e coltach gun deach a togail goirid mus do dh'fhàg MacBhàtair an dreuchd oir chan eil an neach-teagaisg ealain Pierre Delavault, a chaochail ann an 1907, anns an deilbh. Chan eil ainmean an luchd-obrach air cùil na deilbhe, ach is urrainnear na daoine seo a leanas aithneachadh:

Sreath cùil: neo-aithnichte; Teàrlach Greaves (saidheans); neo-aithnichte; J. Wilson Reid (matamataigs); not known

Sreath a' mheadhain: A' Bh-Uas Catriona (Cosy) Fhriseal (pianoforte); a' Bh-Uas Grace Middleton (fuaigheal agus bun-sgoil); Uilleam J. MacBhàtair (Ceannard-sgoile, cànanan clasaigeach); neo-aithnichte; Tòmas Cockburn (Beurla agus cànainean an latha an-diugh).

Sreath aghaidh: neo-aithnichte; a' Bh-Uas Rhoda NicLeòid (bun-sgoil) Bha na daoine a leanas ag obair san sgoil cuideachd ann an 1908-09 cuideachd agus dh'fhaodte gu bheil iad San dealbh ach chan eil fhios againn cò iad. A' Bh-Uas Annie NicDhòmhnaill (àrd-governess, cànainean an latha an-diugh agus bun-sgoil); a' Bh-Uas Mairead NicUalraig (pianoforte); Uisdean Robson (cànanan clasaigeach); F. J. Hamond (cànanan clasaigeach agus Beurla); Donaidh MacLeòid (Beurla agus matamataigs); A. R. Forsyth (cànainean an latha an-diugh); Seumas Ceanadach (dèanamh dhealbhan); ' Bh-Uas Mairead Stiùbhart (dèanamh dhealbhan); W. Stuart Roddie (seinn). Bhathar a' fastadh Dòmhnall Dallas, fèistear agus fear a bha gu tric a' gabhail pàirt ann an Geamaichean Gàidhealach, pàirt-ùine gus PT a theagaisg agus bha dorsair aig an sgoil cuideachd, Sgt. Anndra H. MacBhàtair, ach chan eil iad a' nochdadh anns an deilbh.

Rugadh Uilleam MacBhàtair ann an Cinn Dèis ann an Taobh Siar Rois agus bha Gàidhlig aige bho thùs. Às dèidh dha a bhith na cheannard-sgoile san acadamaidh, bha e na cheannard-sgoile anns an Àrd-sgoil Rìoghail, Dùn Èideann agus bha e an uair sin na phroifeasair Ceiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann, Bha e na eòlaiche air ainmean àite Ceilteach agus sgrìobh e leabhar a bha ga mheas mar an leabhar às ùghdarrasail air a' chuspair fad iomadh bliadhna. Bha MacBhàtair air iarraidh air Teàrlach Greaves saidheans a theagasg an àite "commercial subjects" agus b' esan a' chiad neach-teagaisg sònraichte air an son san Acadamaidh.

Chaidh dealbh den luchd-obrach a thogail mun bhliadhna 1894 goirid mus do dh'fhalbh an ceannard-sgoile mu dheireadh, Seòras Brus, agus bha sianar den luchd-obrach San dealbh sin fhathast ag obair san Acadamaidh. Chan eil e coltach gun deach dealbh a thogail den luchd-obrach nuair a bha Gilbert MacBhàtair na cheannard-sgoile eadar 1909 agus 1910. Chaidh an ath dhealbh a thogail nuair a bha an ath cheannard-sgoile, Seòras Moireasdan, ann. Tha e coltach gun deach a togail mun bhliadhna 1911 no 1912

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, mu 1908 no 1909, le Uilleam J. MacBhàtair, Ceannard

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

sgoiltean; luchd-obrach; luchd-teagaisg; dealbhan; daoine

Robert Preece

Inverness Royal Academy (photographs)