Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh geal is dubh de dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis 1972
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY2_033
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1972
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Robert Preece
AITHNEACHADH MAOINE
29920
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
togalaichean
sgeidsichean
Black and white print of Inverness Royal Academy 1972

Chaidh an dealbh seo a dhèanamh ann an 1972 le Gòrdan Harvey, a bha na neach-teagaisg ealain san Acadamaidh Rìoghail aig an àm. San dealbh, chithear Togalach Midmills Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis tro gheataichean cuimhneachaidh a' chogaidh, is e air a' chòmhdachadh le sneachd. Bha e ann an iris bhliadhnail na sgoile airson na bliadhna sin.

Dh'fhosgail an togalach tùsail aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis ann an 1792 air Sràid Ùr, air a bheil Sràid na h-Acadamaidh a-nis, beagan a tuath air far a bheil Ceàrnag an Stèisein a-nis suidhichte. Chaidh togalach leudaichte a chur ris an sgoil mar sgoil do nigheanan. Bha e follaiseach ro dheireadh an 19mh linn nach robh cruth na sgoile freagarrach tuilleadh airson an t-seòrsa foghlaim a bhathar a' toirt seachad aig an àm, Dh'fhosgail togalach ùr ann an sgìre a' Chrùin anns a' Ghearran 1895. Bha na dorsan-inntrigidh do raon-cluich na sgoile suidhichte aig oiseanan aghaidh an raoin-cluich, ach chaidh inntrigeadh ùr a thogail anns na 1950an le geataichean ùra a bha mar chuimhneachan air daoine bhon sgoil a chaochail, no a bha sna feachdan, anns an Dara Cogadh.

Bha an Acadamaidh Rìoghail suidhichte san togalach gus an do dh'fhosgail an togalach ùr ann an Cùl Daothail agus dh'fhàg na sgoilearan mu dheireadh aig an Acadamaidh Rìoghail ann an togalaichean Midmills as t-samhradh,1979. Chaidh ceithir toglaichean leudaichte a chur ris an sgoil thar nam bliadhnaichean. Air an làimh dheis (agus dìreach ri fhaicinn san dealbh) bha togalach saidheans is ealain anns an robh talla spòrs. Dh'fhosgail seo ann an 1913. Air an làimh chlì (faisg air taigh an dorsair), chithear togalach na bun-sgoile a dh'fhosgail ann an 1925. Ann an 1960, chaidh togalach eile a thogail le talla-sgoile, biadhlann agus clasaichean sgoile, a' gabhail a-staigh bùth-obrach teicnigeach. Chaidh bothanan sealach a thogail aig an àm seo cuideachd. Mu dheireadh, anns na 1970an, chaidh togalach eile a chur ri taobh an ear-thuath na sgoile. Is e saidheans agus eòlas gnìomhachais a bha stèidhichte san togalach seo.

Chaidh an làraich air fad a chleachdadh fad ùine ghoirid bho 1979 gus Acadamaidh Chùil Lodair a stèidheachadh fhad 's a bhathar a' togail togalach na sgoile ann an Cùil Lodair fhèin. Bhon uair sin, tha Colaiste Inbhir Nis air a bhith a' cleachdadh an togalaich airson cuid de na cùrsaichean aice

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh geal is dubh de dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis 1972

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1970an

sgoiltean; foghlam; togalaichean; sgeidsichean

Robert Preece

Inverness Royal Academy (photographs)