Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Alexander Nimmo, Ceannard na Sgoile 1805 gu 1811
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_001
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1800an
CRUTHADAIR
Prof. Noel Wilkins
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29922
KEYWORDS
sluagh
ceannardan-sgoile
luchd-teagaisg
innleadairean
sgoiltean
Alexander Nimmo, Rector 1805 to 1811

Rugadh Alexander Nimmo ann an 1783 ann an Cùbar, Fìobh, agus chan ann an Cathair Chaladain mar a tha cuid a' cumail a-mach. Ghluais a theaghlach gu Cathair Chaladain agus dh'fhaodte gun deach e gu sgoil a' bhaile. Bha e na sgoilear ann an Oilthigh Chill Rìmhinn fad dà bhliadhna bho thoiseach 1797 às dèidh dha bursaraidh a bhuannachadh agus chaidh e an uair sin gu Oilthigh Dhùn Èideann fad dà bhliadhna. Às dèidh greis mar oide ann an Dùn Èideann, bha e na neach-teagaisg matamataig mar dàrna mhaighstir ann an Acadamaidh na Cananaich bho 1802. Ghluais e an uair sin gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis far an robh e na Cheannard-sgoile, an ceathramh ceannard air an sgoil, eadar 1805 agus 1811.

Chaidh an sgoil a stèidheachadh ann an 1792, an àite seann sgoil gràmair a' bhaile. Bha an sgoil suidhichte ann an Sràid na h-Acadamaidh aig an àm sin ach b' e New Street an t-ainm a bh' air an t-sràid aig an àm sin. Chaidh Nimmo fhasdadh às dèidh deuchainn a chaidh a chur air dòigh le proifeasairean à Oilthigh Dhùn Èideann, às leth luchd-stiùiridh na h-Acadamaidh. B' e matamataig, cruinn-eòlas agus nàdar-fheallsanachd (fiosaigs) na cuspairean aige.

Ann an 1804, rinn e deuchainnean còmhla ri Sìm Friseal à Foithir, gus feuchainn ri faighinn a-mach teodhachd an uisge aig grunn Loch Nis. Rinn e pàipear cuideachd airson coinneamh de Chomann Rìoghail Dhùn Èideann mu mar a bhiodh grùid a' gluasad ann an Linne Mhoireibh faisg air Rubha na Cananaich. Chaidh a thaghadh mar Fellow den chomann ann 1 Faoilleach 1811, às dèidh dha a bhith air a mholadh le Sir Seòras Stiùbhart MacCoinnich à Coul ann an Siorrachd Rois.

Chithear fianais tràth air na comasan aige mar neach-tomhais (surveyor) ann an dealbh de Dhùn Deòrsa a th' anns a' chruinneachadh aig Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd ann an Ceann a' Ghiùthsaich. Chaidh seo a dhèanamh ann an 1805 no 1806, ach chaidh an sgrìobhadh atharrachadh agus cha ghabh an ceann-latha a leughadh gu ceart.

As t-samhradh 1806 rinn e tomhas air crìochan nan siorrachdan Gàidhealach gus cuideachadh le bhith a' crìochnachadh a' mhapa de dh'Alba aig Aaron Arrowsmith. Chaidh am mapa seo fhoillseachadh ann an 1807. Fhuair e £150 bhon Riaghaltas airson a bhith a' dèanamh seo, suim tòrr nas motha na an dà chuid an tuarastal aige mar neach-teagaisg agus cìsean nan sgoilearan. Bha an t-innleadair Joseph Mitchell na sgoilear anns an Acadamaidh dìreach às dèidh do Nimmo fàgail agus thug e iomradh air anns an leabhar aige Reminiscences of my Life in the Highlands, volume 1, ach tha cuid den fhiosrachadh a tha aig Mitchell air clàradh mearachdach.

Dh'ionnsaich Tòmas Telford, an t-innleadair mu Nimmo, agus, mar thoradh air seo, dh'fhàg e teagasg airson a bhith ag obair mar innleadair agus neach-tomhais ann an Èireann. Dh'obraich e air toirt a-steach talamh bho bhoglaichean, air rathaidean, drochaidean, calachan agus structaran eile. Chaochail Nimmo ann am Baile Átha Cliatha anns an Fhoilleach 1832, aois 49, le iurpais (dropsy no oedema), tinneas a bhios a' leantainn fiabhras rèamatach mar as trice. Tha an ìomhaigh seo, an aon samhail a th' againn dheth, suidhichte ann an togalach Chomann Rìoghail Bhaile Átha Cliatha. Chaidh an ìomhaigh a dhèanamh le John Edward Jones (1806-1862), a bha air a innleadaireachd ionnsachadh fo Nimmo, ach a bha an uair sin air a dhol na neach-ealain.

(Taing do Robert Preece agus Proif. Noël Wilkins à Gallaimh airson an fhiosrachaidh seo agus taing cuideachd do Chomann Rìoghail Bhaile Átha Cliath airson cead a thoirt dhuinn an ìomhaigh seo a chleachdadh)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Alexander Nimmo, Ceannard na Sgoile 1805 gu 1811

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1800an

sluagh; ceannardan-sgoile; luchd-teagaisg; innleadairean; sgoiltean

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)