Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Peter Scott, Cannard an Sgoile 1853 gu 1862
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_002
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1850an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29923
KEYWORDS
sluagh
ceannardan-sgoile
luchd-teagaisg
innleadairean
sgoiltean
Peter Scott, Rector 1853 to 1862

B' e Peter Scott an deicheamh Cheannard-sgoile aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Stèidhicheadh an sgoil ann an 1792, a' gabhail àite sgoil-ghràmair anns a' bhaile. Bha an togalach ann an Sràid an Acadamaidh, air an robh An t-Sràid Ùr an toiseach. Bha Peter Scott a' teagasg nan cuspairean clasaigeach anns an Acadamaidh o1824, agus thugadh an dreuchd mar Cheannard-sgoile dha ann an 1853, gun sanasachadh idir, nuair a dh'fhalbh an Cheannard-sgoile roimhe, Robert Harper, a ghabhail dreuchd ùr faisg air Birmingham.

B' e Scott a' chiad neach-teagaisg dhe na cuspairean clasaigeach a chaidh na Cheannard-sgoile: Bhiodh a' mhòr-chuid a' teagasg matamataig. Bha tuarastal de 50 gini (£52 10 t), agus dh'ath-nuadhaicheadh a chùmhnant-obrach gach bliadhna, ged a bhiodh a chùmhnant-obrach mar neach-teagaisg nan cuspairean clasaigeach maireannach. Seach gun robhar a' toirt spèis do Scott, chumadh dìnnear sa Chaledonian Hotel gus fàilte a chur air dhan dreuchd.

Ann an 1855 chumadh fèill air ceann-là breith Banrigh Bhioctòria, agus chaidh an sgoil gu lèir, fo stiùir Scott, a ghabhail diathad a-muigh aig Cill Mhoire anns an Innis Dhubh. Ri linn Scott a bhith na Cheannard-sgoile, reic an sgoil làrach air cùl an togalaich ri Sràid an Acadamaidh gus an gabhadh an rathad-iarainn eadar Inbhir Nis and Inbhir Narann a thogail. Thogadh a' chiad chuid dhen stèisean an sin.

Leig Scott dheth a dhreuchd ann an 1862 agus chaochail e air 31mh Dùbhlachd 1863.

(Taing do Robert Preece airson an fhiosrachaidh seo)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Peter Scott, Cannard an Sgoile 1853 gu 1862

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1850an

sluagh; ceannardan-sgoile; luchd-teagaisg; innleadairean; sgoiltean

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)