Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
George Taylor Bruce, Cheannard-sgoile 1888 gu 1894
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_003
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29924
KEYWORDS
sgoiltean
ceannardan-sgoile
luchd-teagaisg
obraichean
sluagh
George Taylor Bruce, Rector 1888 to 1894

B' e George Bruce an 13mh Ceannard-sgoile aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Stèidhicheadh an sgoil ann an 1792, a' gabhail àite sgoil-ghràmair anns a' bhaile. Bha an togalach ann an Sràid an Acadamaidh, air an robh An t-Sràid Ùr an toiseach.

Thàinig Bòrd Stiùiridh Ùr nan druchd ann an 1887, an dèidh do dh'iomairt ùr on Riaghaltas, an Inverness Education Endowments Scheme. A rèir sin, dh'fhaodadh an luchd-stiùiridh an leabhraichean a thoirt don luchd-obrach agus Ceannard ùr na sgoile a chur na dhreuchd. Bha am fear ro George Bruce, William Eadie, a' miannachadh a dhreuchd a leigeil dheth, agus chuireadh sin air dòigh le bhith a' toirt peinnsean dha.

Fhuair am post, aig an robh tuarastal £300 le tabhartas mu choinneamh gach sgoileir, 75 tagraichean. Thugadh am post do George Bruce. Rugadh e ann an Obar Dheathain an 1857 agus fhuair e foghlam aig an dà chuid an Nuadh agus an t-Seann Sgoil Ghràmair anns a' bhaile. Cheumnaich e le Master of Arts o Oilthigh Obar Dheathain anns a' Ghiblean 1880. Bhiodh e a' teagasg treis ann an corra àite, agus an uair sin bhiodh e a' teagasg nan cuspairean clasaigeach agus Beurla aig Robert Gordon's College ann an Obar Dheathain. A rèir a chùmhnant don Acadamaidh, dh'fhaodadh Bruce a thaghadh fhèin fhaighinn de luchd-obrach. B' e aon dhiubh Pierre Delavault, a tha fhathast ainmeil aig sgàth a dhealbhan dhen t-seann bhaile Inbhir Nis, a dh'fhoillsich an Inverness Courier an toiseach.

Nuair a bha an sgoil faisg air a bhith ann fad 100 bliadhna, b' e Bruce a bu mhotha a ghabh ùidh ann a bhith a' comharrachadh nan 100 bliadhna sin. Thòisich e iris nam maighistirean-sgoile The Academical, a lean oirre gus an tugadh air a dhreuchd fhàgail. Bhrosnaich e ùidh, cuideachd, ann an suaicheantas don sgoil, agus dh'iarr e air ailtire às Obar Dheathain sin a dhealbhachadh. Aig a' cheann thall dh'atharraicheadh e agus chaidh a thoirt an gnìomh gu h-oifigeil le Morair nan Suaicheantas, agus sin an dà chuid suaicheantas agus comharra na sgoile anns an latha an-diugh.

Fhuair na Stiùirichean iomraidhean air sgrùdaidhean an togalaich (ceangal ri dealbh, a tha air an làrach-lìn cheana, den togalach aig Sràid an Acadamaidh), agus thuig iad nach robh an togalach ann an Sràid an Acadamaidh freagarrach air an fhoghlam a bha riatanach aig an àm. Mar sin, thòisich iad air togalach ùr a dhealbhachadh, agus dh'fhosgladh e an 1895 ann an sgìre a' Chrùin anns a' bhaile. Tà, cha robh na Stiùirichean cinnteach gum b' e Bruce an neach a bhiodh iomchaidh gus an sgoil a threòrachadh anns an togalach ùr agus, a dh'aindeoin strì nan aghaidh bho chuid de na pàrantan, thugadh air Bruce a dhreuchd fhàgail, ged a tha coltas gun robh e an dà chuid dìleas agus dìcheallach. Tha a h-uile coltas gun do rinneadh a' chiad dealbh dhen sgoil goirid mus do dh'fhàg e i.

An dèidh do Bhruce an Acadamaidh fhàgail, chùm e sgoil dha fhèin aig taigh air Rathad Chùl Dubhuillt anns a' bhaile, air an robh New Glenmoriston School. Mhair e mu dheich bliadhna, agus an dèidh sin bha Bruce tha thuathanach ann an Canada. Chaochail e ann an 1947.

(Taing do Robert Preece airson an fhiosrachaidh seo)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

George Taylor Bruce, Cheannard-sgoile 1888 gu 1894

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an

sgoiltean; ceannardan-sgoile; luchd-teagaisg; obraichean; sluagh

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)