Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uilleam Iain MacBhatair, Ceann na Sgoile 1895 gu 1909
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_004
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1890an; 1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29925
KEYWORDS
sluagh
ceannardan-sgoile
luchd-teagaisg
sgoiltean
foillseachadh
leabhraichean
William John Watson, Rector 1895 to 1909

B' e Uilleam Iain MacBhatair an 14mh ceannard de Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Stèidhicheadh an sgoil ann an 1792, a' gabhail àite sgoile ghràmair anns a' bhaile. B' e an ceannard mu dheireadh a bha anns an togalach a bha ann o thùs (togalach a tha ann fhathast) air Sràid an Acadamaidh, agus b' e cuideachd a' chiad fhear a bha anns an togalach ùr a dh'fhosgladh ann an 1895 ann an sgìre a' Chrùin anns a' bhaile.

Rugadh MacBhatair ann an Cinn Dèis ann an Siorrachd Rois an Ear. Bha Gàidhlig aige o thùs. Fhuair e foghlam aig an sgoil ionadail agus aig Sgoil Ghràmair Seann Obar-Dheathain. An uair sin fhuair e taic-sgoile do Cholaiste an Rìgh, pàirt de dh'Oilthigh Obar-Dheathain. Choisinn e ceum le urram aig a' chiad ìre ann an cuspairean clasaigeach agus Bonn Òir airson an sgoileir a b' fheàrr ann an Laideann ann an seisean 1886. Lean e air le ceum aig Colaiste Mherton ann an Oxford, far an do choisin e duais 'blue' airson a' chlach a thilgeil. 'S e 'Blue' duais a bheirear seachad do dh'fharpaisichean aig an ìre as àirde ann an spòrs aig oilthighean Oxford no Cambridge.

Thòisich e air teagasg aig Acadamaidh Kelvinside ann an Glaschu. Chaidh a chur na dhreuchd ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis an 1895. Thugadh iomradh air staid na sgoile le George Brus, an ceannard a bha a' fàgail na dreuchd, do gach tagraiche don dreuchd sin, agus dh'iarradh orra beachdachadh air. B' e MacBhatair a chaidh a chur san dreuchd mar thoradh air an taghadh mu dheireadh aig a' Chathraiche, agus mar sin b' e MacBhatair a' chiad neach aig an robh Gàidhlig o thùs a chaidh na Cheannard air an sgoil.

Cha b' fhada gus an tug e air na Stiùirichean gabhail ris gum bithte a' toirt sgoil do bhalaich is nigheanan còmhla; gu ruige sin bha an dà ghnè ann an clasaichean fa leth. Thòisich e air clasaichean Gàidhlig ann an 1903 agus dh'fheuch e ri Gàidhlig a thoirt ann mar chuspair anns na deuchainnean ùra Leaving Certificate Examinations. Le taic o luchd-obrach na sgoile agus o sgoilearan, rinn e a chiad leabhar mòr, The Place-names of Ross and Cromarty, ann an 1904. Thugadh spòrs don sgoil, agus chumadh farpaisean anns a' chiad dhà bhliadhna aig Northern Meeting Park.

Stèidhicheach MacBhatair anns an dreuchd mar Cheannard na h-Àrd-sgoil Rìoghail an Dùn Èideann as t-samhradh 1909. 'S dòcha gun dh'fhuair e tuarastal a ha a dhà uimhir air na bha aige ann an Inbhir Nis. Eadar 1914 agus 1938 bha e na Àrd-ollamh na Ceilteis aig Oilthigh Dhùn Èideann, a chionn 's gun robh e na shàr sgoilear aig an àm sin.
Dh'fhoillsicheadh an leabhar as cliùitiche aige, The History of The Celtic Place-names of Scotland, ann an 1926. A thuilleadh air sin, dheasaich e leabhraichean de rosg (Rosg Gàidhlig, 1915) agus bàrdachd (Bàrdachd Ghàidhlig, 1918), agus b' e an neach-deasachaidh coitcheann air an t-sreath Leabhraichean Sgoile Gàidhlig (mu 1920-1923). Cuideachd, stèidhich e Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba agus bha e na rùnaire urramach de Chomann Gàidhlig Inbhir Nis fad 44 bliadhna, agus na rùnaire agus na cheann-suidhe de dh'Inverness Field Club uaireannan.

Chaochail e ann an 1948 aig aois 83, agus chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Tom na h-Iùbhraich, Inbhir Nis. Bha e dhen bheachd gun robh a spiorad 'aig an taigh' anns a' bhaile ud.

(Tha sinn an comain Robert Preece airson an fhiosrachaidh seo)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uilleam Iain MacBhatair, Ceann na Sgoile 1895 gu 1909

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an; 1900an

sluagh; ceannardan-sgoile; luchd-teagaisg; sgoiltean; foillseachadh; leabhraichean

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)