Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uilleam Crampton Smith, Cheannard-sgoile 1920 gus 1944
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_007
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29928
KEYWORDS
sluagh
ceannardan-sgoile
luchd-teagaisg
scouts
foghlam
sgoiltean
Wm. Crampton Smith, Rector 1920 to 1944

An dèidh do George Morrison a dhreuchd mar Cheannard Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a leigeil dheth an 1920, chaidh Uilleam Crampton Smith ann na àite mar an seachdamh ceannard deug. Bha e ag obair anns an sgoil fad còig bliadhna gu ruige sin. Thugadh tuarastal de £800 dha, a dh'èirich £25 gach bliadhna gu £850. Fhad 's a bha e na Cheannard leudaich an Acadamaidh an cùrsaichean, agus cha robh iad an urra uiread ri ionnsachadh Laidinn is Greugais.

Rugadh Crampton Smith ann an Sunderland an 1879, agus choisinn e an ceum Bachelor of Science aig Oilthig Dhurham. Chaidh e theagasg an toiseach ann am Baile Ceann Phàdhraig, agus an dèidh sin chaidh e na Phrìomh Neach-Teagaisg de Mhatamataig is de Shaidheans aig Sgoil Ghràmair Baile Chè. Thàinig e gu Inbhir Nis mar Iar-heannard agus mar Phìomh Neach-Teagaisg Matamataig.

Leig Crampton Smith dheth a dhreuchd an 1944; roimhe sin bha e na Cheann-suidhe aig Institiud an Fhoghlaim an Alba ann an 1939 agus ann an 1940. Ri linn Cogadh Hitler thugadh àite dha air Comhairle an Fhoghlaim às leth Rùnaire na Stàite. Chaidh urramachadh le OBE an 1938.

Air taobh a-muigh an fhoghlaim bha Crampton Smith na bhall gnìomhachail de dh'Eaglais Sgìre a' Chrùin an Inbhir Nis, agus stèidhich e 3rd Inverness-shire (Crown) Boy Scout Troop anns a' Mhàrt 1916. Bha e na Scoutmaster gus an deach e na dhreuchd mar Cheannard air an Acadamaidh, agus an dèidh sin fhritheil e sgìre nam Boy Scout mun cuairt, agus bha e na neach-sgrùdaidh nam bràistean do scouts anns an sgìre.

(Taing do Robert Preece airson an fhiosrachaidh seo)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uilleam Crampton Smith, Cheannard-sgoile 1920 gus 1944

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an; 1930an

sluagh; ceannardan-sgoile; luchd-teagaisg; scouts; foghlam; sgoiltean

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)