Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill, Cheannard-sgoile 1944 gu 1962
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_008
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1940an; 1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29929
KEYWORDS
sluagh
luchd-teagaisg
ceannardan-sgoiltean
Comainn Ghàidhlig
Donald John Macdonald, Rector 1944 to 1962

Rugadh Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill anns an Ògmhios 1900. 'S ann à Baile Sèine ann an Siorrachd Rois an Iar a bha e, agus bha a' Ghàidhlig aige bho thùs. An dèidh dha sgoil fhaighinn aig Sgoil Baile Sèine agus an uair sin aig Acadamaidh Inbhir Pheòfharain, cheumnaich e aig Oilthigh Obar Dheathain le Master of Arts le Urram ann an Cànan is Litreachas na Beurla. B' e an t-oileanach barraichte dhe bhliadhna aig Colaiste Foghlaim an Luchd-Teagaisg ann an 1924, agus bha e na Cheann-suidhe de Chomann Ceilteach Oilthigh Obar Dheathain anns an aon sheisean.

Dh'ainmicheadh e mar D.J., agus thugadh don Acadamaidh Rìoghail e mar iar-neach-teagaisg na Beurla, agu chaidh e na cheannard den roinn sin an 1929. Thugadh am post mar Iar-mhaighstir dha an 1942, agus, nuair a leig Crampton Smith dheth a dhreuchd an 1944, chaidh MacDhòmhnaill na Cheannard-sgoile.

Bha D.J. na fhear-teagaisg air leth, agus bha nàdar tarraingeach aige. Thug e a-steach siostam le prefects don Acadamaidh Rìoghail. Leig e dheth a dhreuchd an 1962. Dìreach bliadhna mun do dh'eug e, anns an Ògmhios 1993, bha e an làthair nuair a chomharraicheadh 200 bliadhna dhen Acadamaidh Rìoghail anns an togalach ùr aig Cùl Dubhuillt; bha e am measg na cuideachd oifigeil a chuir fàilte air Iarla Inbhir Nis.

Air taobh a-muigh na sgoile, bha D.J. na Mhaor-sìthe, na bhall de Rotary Club Inbhir Nis, na bhall de chomataidh Feachd Chuil Lodair de dh'Urras Nàiseanta na h-Alba, agus na bhall (agus uaireigin na chathraiche) de Bhòrd-stiùiridh Ospadalan Inbhir Nis (a chaidh nan Ospadalan a' Chinn a Tuath). Thugadh LL.D. mar urram dha an 1957. Bha puist eile aige, mar èildear de dh'Eaglais an Taoibh an Iar an Inbhir Nis o 1946 air adhart, agus mar Cheannard de Chomann Gàidhlig Inbhir Nis o 1964. Fhritheil e Cath-Bhuidheann Inbhir Nis den Bhoys' Brigade fad dà bhliadhna mar Cheann-suidhe cuideachd.

(Taing do Robert Preece airson an fhiosrachaidh seo)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill, Cheannard-sgoile 1944 gu 1962

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1940an; 1950an

sluagh; luchd-teagaisg; ceannardan-sgoiltean; Comainn Ghàidhlig

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)