Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sanas do 200 bliadhna de dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_012
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1992
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29933
KEYWORDS
sluagh
ceannardan-sgoiltean
luchd-teagaisg
sanais
cuimhneachain
foghlam
Inverness Royal Academy Bicentenary plaque

Seo dealbh de Cheannard na Sgoile Iain R Friseil agus Iar-Cheannard William Walker, ri taobh sanais a tha ann mar chuimhneachan air 200 bliadhna de dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis ann an 1992.

Stèidhicheadh an sgoil ann an 1792, a' gabhail àite sgoil-ghràmair a' bhaile, a Bhiodh a' teagasg gràmar is cànan na Laidinn mar phrìomh chuspairean. Bha an togalach ann an Sràid an Acadamaidh, air an robh An t-Sràid Ùr an toiseach. Thairg an t-Acadamaidh foghlam gu math na b' fharsainge a-nis. Bha a cuid fhoghlaim ann do bhalaich, ach tha fianais gun robh nigheanan a' tighinn gu cuid a chlasaichean o thòisich an sgoil.

Ann an 1895 dh'imich an sgoil gu togalach ùr ann an Sgìre a' Chrùin an Inbhir Nis - togalach a tha mar phàirt de Cholaiste Inbhir Nis a-nis. Anns na 1970an thug togail nan taighean-còmhnaidh ùra air a' chomhairle rian às ùr a chur air teagasg ann an àrd-sgoiltean ann an Inbhir Nis agus faisg air a' bhaile. Mar thoradh air sin, thòisich Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus Adacamh Chùil Lodair air roinnean fa leth a' bhaile a fhrithealadh mar sgoiltean làn-chuspaireil. Gu ruige seo Bhiodh an t-Acadamaidh Rìoghail a' frithealadh nan sgoilearan a Bhiodh buailteach deuchainean de Scottish Leaving Certificate a dhèanamh aig Àrd-Ìre. Eadar 1977 is 1979 dh'imich an t-Acadam Rìoghail don treas làrach aige ann an Cùil Duthail, a bha aig iomall a' bhaile ri linn sin.

Ann an 1992 chomharraich an t-Acadamaidh 200 bliadhna le sreath de thachartais, agus nam measg thadhail Iarla Inbhir Nis (am prionnsa Anndra) air an sgoil air 26mh Ògmhios. Le seo, dh'aithnicheadh gun tug an treas Rìgh Deòrsa Cairt Rìoghail don Acadamaidh an 1793. Tha an litir seo ann fhathast agus i ri fhaicinn anns an sgoil. Chaidh a càrah le taic-airgid o Inverness Common Good Fund an 1992.

(Taing do Robert Preece airson an fhiosrachaidh seo)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas do 200 bliadhna de dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

sluagh; ceannardan-sgoiltean; luchd-teagaisg; sanais; cuimhneachain; foghlam

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)