Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gearradh dhe bharrantas an t-suaicheanais aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_015
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29936
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
suaicheantais
sgiathan
Extract of Matriculation of the Arms of Inverness Royal Academy, 1933

'S George Bruce a chruthaich bràiste agus suaicheantas Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. B' e ceannard na sgoile 100 bliadhna an dèidh a stèidheachadh. Tà, cha d' fhuair a' bhràiste cead oifigeil gus an tug Moair an t-suaicheantais sin seachad ann an litir-bharrantais. 'S e seo na tha anns an t-sluagh-ghairm Labore et virtute: mar thoradh air obair chruaidh agus sàr dhìcheall.

Stèidhicheadh an sgoil ann an 1792, a' gabhail àite sgoil ghràmair a' bhaile, aig an robh ceangal ris an sgoil-sheinn aig Manachainn Inbhir Nis. Bha an togalach ann an Sràid an Acadamaidh, air an robh An t-Sràid Ùr roimhe sin. Fhuair an sgoil cairt rìoghail on treas Rìgh Deòrsa an 1793, agus 's e sin a dh'adhbhraich am facal 'Rìoghail' na h-ainm. Chithear a' chairt anns an Acadamaidh.

Nuair a bha an sgoil faisg air 100 bliadhna, b' e Bruce a bu mhotha a ghabh ùidh ann a bhith a' comharrachadh nan 100 bliadhna sin. Thòisich e iris nam maighistirean-sgoile The Academical, a lean oirre gus an tugadh air a dhreuchd fhàgail. Bhrosnaich e ùidh, cuideachd, ann an suaicheantas don sgoil, agus rinn e tarraing gus a dhealbhachadh. Bha e mothachail air làmh an teaghlaich Mac an Tòisich ann am bun-stèidh agus stiùireadh na sgoile.

Bha fear Uilleam Mac an Tòisich na Phròbhaist aig Inbhir Nis a' bhliadhna a stèidhicheadh an sgoil, agus tràth anns an 19mh linn dh'fhàg an Caiptean Uilleam Mac an Tòisich, Fear Fàrr, suim mòr mar dhìleab gus am faigheadh a chuideachd an cuid fhoghlaim aig an Acadamaidh Rìoghail. Tha an t-airgead a-nis mar phàirt de stòras an Acadamaidh, agus 's e Mackintosh Farr Fund a tha air.

Anns an t-Samhain 1932 sgrìobh Morair nan Suaicheantas litir don Acadamaidh, ag innse dhaibh nach robh cead oifigeil aca airson an t-suaicheantais, agus mar sin dh'fhaodadh an sgoil a dhìteadh agus a pheanasachadh a h-uile h-uair a bhiodh an suaicheantas air a chur an gnìomh. Tà, nam biodh an sgoil a' gabhail gnothach ris aig a' chiad chothrom, ghabhadh an suaicheantas a chlàradh gu h-oifigeil agus a chleachdadh gun chùis-lagha tuilleadh. Chaidh seo a dhèanamh aig cosgais £19 anns a' Mhàrt 1933, agus chaidh an suaicheantas a chlàradh anns a' Cheitean 1933. Cha mhòr nach robh an cruth oifigeil, a nochdas an seo, ionann ris a' chruth a chuireadh an gnìomh tràth anns an 20mh linn.

(Taing do Robert Preece airson an fhiosrachaidh seo)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gearradh dhe bharrantas an t-suaicheanais aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930an

sgoiltean; foghlam; suaicheantais; sgiathan

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)