Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An togalach-spòrs le Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis aig Allt a' Mhuilinn
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_016
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29937
KEYWORDS
sgoiltean
goireasan
togalaichean-spòrs
togalaichean
foghlam
Inverness Royal Academy sports pavilion at Millburn

Nuair a ghluais Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis o Shràid an Acadamaidh don làrach aig Midmills an 1895, bha raon farsaing aig cùl an togalaich a ghabhadh a chleachdadh mar raon-spòrs. Tà, ann an 1913 dh'fhosgladh togalach do roinnean saidheans is ealain air cùl an taoibh dheis (gu deas) den sgoil, agus ann an 1925 thogadh togalach do Roinn na Bun-sgoil air cùl an taoibh chlì (gu tuath) den sgoil. Mar thoradh air sin, cha robh talamh gu leòr ann do raon-spòrs ann an sgoil a bha a' leudachadh.

Anmoch anns na 1920an chaidh talamh aig Allt a' Mhuilinn don sgoil fo ghabhail (nàdar de chùmhnant-màil a b' àbhaist a bhith cumanta an Alba) o Sheisean na h-Eaglaise an Inbhir Nis gus raon-spòrs a dhèanamh, agus chuireadh an gnìomh e as t-fhoghar 1930. Bha goireasan gu leòr ann airson ball-coise, rugbaidh agus hocaidh anns a' gheamhradh agus airson criogaid agus lùthchleasachd as t-samhradh. Bha sgioba na h-iomain fhathast a' cleachdadh an raoin aig Pàirc Cill Bheathain.

Anmoch anns na 1930an thogadh pàillean a chosg còrr is £2000. Phàigheadh seo le urrais na sgoile agus le taic o mhargadh neo-fhoirmeil a choisinn £300. Am measg nan seòmraichean bha seòmraichean-èididh le frasan-ionnlaid do bhalaich agus do nigheanan, talla bheag gus fàilte a chur air sgiobaidhean a thadhaileadh, agus làr fosgailte ri aighaidh an togalaich, às am faicte na raointean-cluich.

Dh'fhosgladh am pàillean air 28mh Dàmhair 1938 le Màidsear J. E. McConnell, rùnaire den Northern Regional Committee for National Fitness. Aig an àm sin bha iomairt nàiseanta ann gus fallaineachd an t-sluaigh a leasachadh. An dèidh na fèill, chluicheadh ball-coise, rugbaidh agus hocaidh nan nighean mar thaisbeanadh. Bha seòrsaichean eile de spòrs air am piobrachadh leis an sgoil air an ìre-sa, mar hocaidh nam balach, iomain, criogaid, teanas, badmanton, losgadh nan gunna-peileir agus snàmh. Rinn am pàillean feum don sgoil gus an do dh'imich an t-Acadamaidh Rìoghail gu Cùl Dubhuillt eadar 1977 agsu 1979. An uair sin ghabh Acadamaidh Allt a' Mhuilinn thairis an raon agus am pàillean.

(Taing do Robert Preece airson an fhiosrachaidh seo)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An togalach-spòrs le Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis aig Allt a' Mhuilinn

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930an

sgoiltean; goireasan; togalaichean-spòrs; togalaichean; foghlam

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)