Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dannsa na Nollaig aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis an 1954
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_021
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
An Dùbhlachd 1954
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29941
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
dannsaichean
cur-seachadan
cuirmean
Inverness Royal Academy Christmas Dance, 1954

Tha an dealbh a' sealltainn dannsa na Nollaig ann an 1954 a chumadh ann an talla na lùth-chleasachd.

'S fhada bho thòisich dannsaichean is dibheirsein aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis an dà chuid as t-samhradh agus aig àm na Nollaige. Bha iad sin ann cho fada air ais ris na bliadhnaichean tràth dhen 19mh linn. Aig an àm sin b' e 'At Homes' a bh' orra sin. Tha an t-iomradh as tràithe air dannsa a chumadh ann an Seòmraichean Cruinneachaidh a' Chinn a Tuath an 1809. Seo mar a dh'aithris The Inverness Journal air an tachartas:

'In the evening the young gentlemen attending the Academy gave an elegant ball in the Northern Meeting Rooms. The display of innocent gaiety and the attractions of the youthful group, which consisted of nearly 300, were extremely interesting; but too few parents came to witness the blameless mirth and endearing graces of their offspring; a scene of all others the most gratifying to parental affection.'

Is minig a bha tachartasan eile a' tòiseachadh mar chuirmean-ciùil, agus bhiodh dannsa gan leantainn an dèidh do na sgoilearan a b' òige a chur dhachaigh.

Aon uair 's gun do ghluais an t-Acadamaidh o Shràid an Acadamaidh don togalach ùr ann an Sgìre a' Chrùin an 1895, chumadh na tachartasan seo anns an talla ann an teis-meadhan na sgoile. Anns na 1950an chumadh iad ann an talla lùth-chleasachd nan nighean, anns na bha, roimhe sin, na roinn dhen bhun-sgoil. Thogadh leudachadh ùr don sgoil an 1960 anns an robh talla ceart le seòmar-ithe na chois. An uair sin bhithte a' cumail nan tachartas an sin.

Bithidh an t-Acadamaidh Rìoghail nar latha fhìn fhathast a' cumail dhannsaichean na Nollaig, a leanas corra sheachdain de theagasg le luchd-obrach Roinn an Fhoghlaim Chorporra. Do na sgoilearan anns a' 5mh agus anns an t-6mh bliadhna gu sònraichte is iad seo gnothaichean foirmeil, agus bidh fèileadh air cha mhòr a h-uile balach agus dreasaichean-feasgair air na nigheanan.

(Taing do Robert Preece airson an fhios seo)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dannsa na Nollaig aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis an 1954

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

sgoiltean; foghlam; dannsaichean; cur-seachadan; cuirmean

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)