Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Togalach Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis aig Muilnean a' Mheadhain ann an Sgìre a' Chrùin an Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_028
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29947
KEYWORDS
sgoiltean
togalaichean
foghlam
colaistean
The Inverness Royal Academy building at Midmills in the Crown Area of Inverness

Stèidhicheadh an sgoil ann an 1792, a' gabhail àite sgoil-ghràmair a' bhaile, aig an robh ceangal ris an sgoil-sheinn aig Manachainn Inbhir Nis. Bha an togalach ann an Sràid an Acadamaidh, air an robh An t-Sràid Ùr roimhe sin. Fhuair an sgoil cairt rìoghail on treas Rìgh Deòrsa an 1793, agus 's e sin na dh'adhbhraich am facal 'Rìoghail' na h-ainm. Tha a' chairt ri fhaicinn anns an Acadamaidh.

Anns na 1890an ghabh na Stiùirichean feart de dh'iomraidhean-sgrùdaidh agus thuig iad nach robh an togalach a bha ann freagarrach don fhoghlam a bha a dhìth anns an latha sin. Thòisich iad air togalach ùr a dhealbhachadh. Thaghadh an làrach ann an Sgìre a' Chrùin o roghainn de dhiofar àiteachan. Ged nach robh mòran a thogail an sin gu ruige sin, bha rathadh furasta don làraich o chionn gun robh i aig uachdar Bràigh Stiophain agus Sràid Stiophain.

B' iad a' chompanaidh-ailtireachd às an sgìre Ross and Macbeth a ghabh seo os làimh. (Tha Alasdair Ross on ghnìomhachas sin ainmeil o chionn is gun do dhealbhaich e Cathair-Eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis.) Leagadh a' chlach-bhunait air an t-27mh Ògmhios 1893 leis an Àrd-Mhaighstir de Chlachairean na h-Alba, Iarla Haddington. Bha fèill ann nuair a dh'fhosgladh an togalach ùr air 25mh Gearran 1895.

Bha an togalach aig Muilnean a' Mheadhain an gnìomh gus anmoch anns an 1970an, nuair a thogadh sgoil ùr aig Cùl Dubhuillt. Tha an togalach an lùib Colaiste Inbhir Nis a-nis.

Thogadh an dealbh seo de dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis o thaobh an iar-dheas tràth anns an fhicheadamh linn. Seo aon de cheithir dealbhan den sgoil a thogadh anns a' chiad deichead no mar sin den linn sin. Cha robh an togalach de shaidheans is ealain air a thogail fhathast - taobh a dh'fhosgladh an 1913. Bha na geataichean don sgoil air an dà oisean den làraich, ach thogadh aon rathad a-steach goirid mun do chuireadh Geataichean Cuimhneachaidh do Chogadh Hitler anns an t-Samhain 1954 ann mu choinneamh nam prìomh dhorsan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Togalach Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis aig Muilnean a' Mheadhain ann an Sgìre a' Chrùin an Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

sgoiltean; togalaichean; foghlam; colaistean

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)