Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgoilearan de dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_030A
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29950
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
sgoilearan
èideadh
èideadh-sgoile
Pupils of Inverness Royal Academy

Stèidhicheadh an sgoil ann an 1792, a' gabhail àite sgoil-ghràmair a' bhaile, aig an robh ceangal ris an sgoil-sheinn aig Manachainn Inbhir Nis. Bha an togalach ann an Sràid an Acadamaidh, air an robh An t-Sràid Ùr roimhe sin. Fhuair an sgoil cairt rìoghail on treas Rìgh Deòrsa an 1793, agus 's e sin na dh'adhbhraich am facal 'Rìoghail' na h-ainm. Tha a' chairt ri fhaicinn anns an Acadamaidh.

Anns na 1890an ghabh na Stiùirichean feart de dh'iomraidhean-sgrùdaidh agus thuig iad nach robh an togalach a bha ann freagarrach don fhoghlam a bha a dhìth anns an latha sin. Thòisich iad air togalach ùr a dhealbhachadh. Thaghadh an làrach ann an Sgìre a' Chrùin o roghainn de dhiofar àiteachan. Ged nach robh mòran a thogail an sin gu ruige sin, bha rathad furasta don làraich o chionn gun robh i aig bàrr Bràigh Stiophain agus Sràid Stiophain.

B' iad a' chompanaidh-ailtireachd às an sgìre Ross and Macbeth a ghabh seo os làimh. (Tha Alasdair Ross on ghnìomhachas sin ainmeil o chionn is gun do dhealbhaich e Cathair-Eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis.) Laigheadh a' chlach-bhunait air 27mh Ògmhios 1893 leis an Àrd-Mhaighstir de Chlachairean na h-Alba, Iarla Haddington. Bha fèill ann nuair a dh'fhosgladh an togalach ùr air 25mh Gearran 1895.

Bha an togalach aig Muilnean a' Mheadhain an gnìomh gus anmoch anns an 1970an, nuair a thogadh sgoil ùr aig Cùl Dubhuillt. Tha an togalach an lùib Colaiste Inbhir Nis a-nis.

Thogadh an dealbh seo uaireigin anns na 10 bliadhnaichean no mar sin aig toiseach an 20mh linn. Leis na tha de bhalaich air a bheil fèileadh, tha coltas gun do thogadh an dealbh seo nuair a bhiodh tachartas àraidh ann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgoilearan de dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

sgoiltean; foghlam; sgoilearan; èideadh; èideadh-sgoile

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)