Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Acadadh Rìoghail Inbhir Nis an 1953
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_031
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1953
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29951
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
togalaichean
Inverness Royal Academy in 1953

Stèidhicheadh an sgoil ann an 1792, a' gabhail àite sgoil-ghràmair a' bhaile, aig an robh ceangal ris an sgoil-sheinn aig Manachainn Inbhir Nis. Bha an togalach ann an Sràid an Acadamaidh, air an robh An t-Sràid Ùr roimhe sin. Fhuair an sgoil cairt rìoghail on treas Rìgh Deòrsa an 1793, agus 's e sin na dh'adhbhraich am facal 'Rìoghail' na h-ainm. Tha a' chairt ri fhaicinn anns an Acadamaidh.

Anns na 1890an ghabh na Stiùirichean feart de dh'iomraidhean-sgrùdaidh agus thuig iad nach robh an togalach a bha ann freagarrach don fhoghlam a bha a dhìth anns an latha sin. Thoghadh làrach ann an Sgìre a' Chrùin anns a' bhaile. B' iad a' chompanaidh-ailtireachd às an sgìre Ross and Macbeth a ghabh seo os làimh. (Tha Alasdair Ross on ghnìomhachas sin ainmeil o chionn is gun do dhealbhaich e Cathair-Eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis.) Leagadh a' chlach-bhunait air an t-27mh Ògmhios 1893 leis an Àrd-Mhaighstir de Chlachairean na h-Alba, Iarla Haddington. Bha fèill ann nuair a dh'fhosgladh an togalach ùr air 25mh Gearran 1895.

Bha an togalach seo, a tha an lùib Colaiste Inbhir Nis a-nis, an gnìomh gus anmoch anns an 1970an, nuair a thogadh sgoil ùr aig Cùl Dubhuillt.

Seo sealladh dhen sgoil aig an rathad faisg air Eaglais a' Chrùin. Thogadh an dealbh goirid an dèidh na prìomh dhorsan a ghluasad dhan mheadhan air taobh Bràigh Stiophain. Chithear far an robh an geata bho thùs san oisean. Dh'fhosgail pàirt ann an 1913 airson roinnean saidheans agus ealain mar a chithear air an làimh dheis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Acadadh Rìoghail Inbhir Nis an 1953

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

sgoiltean; foghlam; togalaichean

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)