Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Talla Mòr Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis aig Teatha na Maidne an 1953
EXTERNAL ID
PC_ROYALACADEMY_032
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1953
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
29952
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
togalaichean
Inverness Royal Academy Main Hall at 'Elevenses' 1953

Tha an dealbh seo a' sealltainn an talla mhòr ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis aig àm plèatha. Is e am fear air an làimh dheis, air a bheil gùn is ad an urraim, D. J. Macdonald a bha na Cheannard air an Acadamaidh Rìoghail eadar 1944 agus 1962. Air na colbhan air gach taobh de shuaicheantas na sgoile tha clàir-chuimhneachaidh don fheadhainn a bha nan sgoilearan agus a thuit ann an Cogadh Hitler. Air a' bhalla air an làimh chlì, fon stèidh, chithear Clàir an Urraim aig an sgoil. Tha Clàir-Chuimneachaidh a' Chogaidh agus Clàir an Urraim anns an togalach far a bheil an sgoil a-nis, aig Cùl Dubhuillt.

Stèidhicheadh an sgoil ann an 1792, a' gabhail àite sgoil-ghràmair a' bhaile, aig an robh ceangal ris an sgoil-sheinn aig Manachainn Inbhir Nis. Bha an togalach ann an Sràid an Acadamaidh, air an robh An t-Sràid Ùr roimhe sin. Fhuair an sgoil cairt rìoghail on treas Rìgh Deòrsa an 1793, agus 's e sin na dh'adhbhraich am facal 'Rìoghail' na h-ainm. Tha a' chairt ri fhaicinn anns an Acadamaidh.

Anns na 1890an ghabh na Stiùirichean feart de dh'iomraidhean-sgrùdaidh agus thuig iad nach robh an togalach a bha ann freagarrach don fhoghlam a bha a dhìth anns an latha sin. Thoghadh làrach ann an Sgìre a' Chrùin anns a' bhaile. B' iad a' chompanaidh-ailtireachd às an sgìre Ross and Macbeth a ghabh seo os làimh. (Tha Alasdair Ross on ghnìomhachas sin ainmeil o chionn is gun do dhealbhaich e Cathair-Eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis.) Leagadh a' chlach-bhunait air an t-27mh Ògmhios 1893 leis an Àrd-Mhaighstir de Chlachairean na h-Alba, Iarla Haddington. Bha fèill ann nuair a dh'fhosgladh an togalach ùr air 25mh Gearran 1895.

Bha an togalach seo, a tha an lùib Colaiste Inbhir Nis a-nis, an gnìomh gus anmoch anns an 1970an, nuair a thogadh sgoil ùr aig Cùl Dubhuillt

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Talla Mòr Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis aig Teatha na Maidne an 1953

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

sgoiltean; foghlam; togalaichean

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Inverness Royal Academy (photographs)